Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An Giblean 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Notre Dame

Tha caibineat na Frainge a' coinneachadh a dheasbad ath-thogail Cathair-Eaglais Notre Dame agus an Ceann-Suidhe Macron a' gealltainn gun tachair sin an taobh a-staigh còig bliadhna mus bi na h-Olympics ann am Paris ann an 2024. Nì glagan a h-uile cathair-eaglaise san Fhraing seirm aig 6:50f a-nochd, an uair aig an do thòisich an teine ann an Notre Dame oidhche Luain. Chaidh còrr agus €8m a thogail mar-thà airson càradh na h-eaglaise.

Atharrachadh na Sìde

Tha luchd-iomairt an aghaidh atharrachadh na h-aimsire a' maoidheadh gun dèan iad troimhe-chèile air siostam rèidhle fo thalamh Lunnainn. Chaidh mu 300 den luchd-iomairt on bhuidhinn Extinction Rebellion a chur an grèim ann an Lunnainn bho thòisich caismeachdan agus togail fianais ann am meadhan a' bhaile Diluain. Tha 29 duine an grèim cuideachd aig Poileas Alba an dèidh togail fianais den aon sheòrsa ann am meadhan Dhùn Èideann. Thuirt Ceannard Banca Shasainn, Mark Carney, an-diugh gum feum gluasad mòr a bhith san dòigh sa bheil airgead calpa ga chosg mu choinneimh blàthachadh na Cruinne. Thuirt e gum feum poileasaidh atharrachadh ma tha blàthachadh gu bhith fon àrdachadh de 2% a chaidh aontachadh aig Còrdadh Aimsire Pharis ann an 2016.

Ìre na h-Atmhorachd

Cha robh atharrachadh idir ann an reit na h-atmhorachd a rèir clàr an CPI air a' bhliadhna dhan Mhàrt. Dh'fhuirich e 1.9% dìreach mar a bha e air a' mhìos ron sin.

Rabhadh mu Bhrexit

Thàinig rabhadh bho Institiùd Fraser of Allander air buaidh Bhrexit mhì-rianail air eaconomaidh na h-Alba. Tha an t-Institiùd ag ràdh gum faodadh crìonadh a bhith ann airson dà bhliadhna. Ach tha a' bhuidheann a' dèanamh follaiseach gur e sin an tomhas as miosa far nach dèanadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air neo Banca Shasainn cobhair air an eaconomaidh.

STUC

Canaidh Prìomh Mhinister na h-Alba an-diugh gum feum Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cur às dha na loidhnichean dearga a th' aca ann an còmhraidhean Bhrexit. Innsidh Nicola Sturgeon do Chaidreachas nan Aonaidhean Ciùird ann an Dùn Dè gum feum an Riaghaltas èisteachd ris na pàrtaidhean dùbhlain.

Seirbheis Aiseig Bharraigh

Thuirt an comhairliche Barrach, Dòmhall Manford, gu bheil esan den bheachd gur e cho sean 's a tha feadhainn de bhàtaichean Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn as coireach gu ìre mhòir ris na trioblaidean san t-seirbheis. Seo an ceathramh là nach bi seòladh eadar Barraigh agus an t-Òban, agus an MV Isle of Lewis briste ris a' chidhe ann am Bàgh a' Chaisteil. Tha e air tighinn air luchd-siubhail a dhol taobh Èirisgeigh agus Loch Baghasdail 'son faighinn à Barraigh gu tìr-mòr.

Poileasaidh Inimreachais

Tha ùghdarrasan ionadail thaobh siar na h-Alba ag obair còmhla an-dràsta air poileasaidh ùr airson inimreachas mar dhòigh air dèiligeadh ri crìonadh sluaigh. Bheir Brexit buaidh mhòr air dè thig às a' phoileasaidh, ach tha ceannardan comhairle ag aontachadh gum feum iad rudeigin a dhèanamh an-dràsta mun chron a tha crìonadh sluaigh a' dèanamh air eaconomaidh nan sgìrean dùthchail.