Polworth gus ICT fhàgail

  • Air fhoillseachadh
Liam PolworthTùs an deilbh, SNS

Chaidh dearbhadh gum fàg Liam Polworth Caley Thistle aig deireadh an t-seusain is e air ainm a chur ri ro-chùmhnant le Tobar na Màthar.

Bha grunn sgiobaidhean air ùidh a nochdadh ann am Polworth, 24, is an cùmhnant aige gus tighinn gu ceann.

Tha Polworth, mac Iain Polworth a bha ainmeil e fhèin ann am ball-coise na Gàidhealteachd, air a bhith còmhla ri ICT bho bha e ochd bliadhna de dh'aois.

Chluich Liam Polworth dhan chiad sgioba aig ICT 'son a' chiad turais ann an 2011.

Bhon uairsin chluich e còrr is 200 geama do dh'Inbhir Nis.

Tàlantach

Dh'innis Tobar na Màthar gu bheil Polworth air ainm a chur ri cùmhant dà bhliadhna.

"'S e balach gu math tàlantach a th' ann agus tha mi den bheachd gun urrainn dha tighinn air adhart còmhla rinn", thuirt manaidsear Tobar na Màthar, Steafan Robinson.

"Bheir e dhuinn roghainn eile ann am meadhan na pàirce agus air a' chliathaich", thuirt e.

Thug ICT taing dha Polworth 'son a chuid sheirbheis thar nam bliadhnaichean is thuirt iad gu bheil iad an dòchas gun soirbhich leis san àm ri teachd.

Ron sin, bidh Polworth an dòchas soraidh slàn fhàgail le Inbhir Nis leis an sgioba a chuideachadh air ais dhan Phrìomh Lìog mus falbh e.

Faodaidh iad ceum a ghabhail a dh'ionnsaigh sin Disathairne is puing a dhìth orra an aghaidh Dundee United gus a bhith cinnteach air àite play-off.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh