Dè th' anns a' Ghàidhlig?

A' Ghàidhlig

Dè th' anns a' Ghàidhlig?

An e mion-chànan a th' innte?

No an e cànan nàiseanta a th' innte?

An e cànan iar-thuath na dùthcha a th' innte?

No cànan airson Alba air fad?

Sin ceistean a thèid a chur aig òraid shònraichte ann an Oilthigh Dhùn Èideann an ath-sheachdain.

'S e Ollamh na Gàidhlig san Oilthigh, Wilson MacLeòid, a bhios ga toirt seachad.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil, ann an dòigh, na deasbadan seo air a bhith ann fad 's dòcha 700 bliadhna," thuirt e.

"Co-dhiù dhà no trì. Ach mar a tha saoghal na Gàidhlig agus coimhearsnachd na Gàidhlig ag atharrachadh, tha mi a' smaoineachadh gu bheil iad a' tighinn am bàrr ann an diofar dhòighean 's tha e a' fàs cudromach a bhith a' deasbad nan ceistean seo.

Ceist Thoinnte

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil diofar rudan a' dol aig an aon àm, sin an rud a tha ga fhàgail car toinnte, agus gu bheil tomhas de mhì-chinnt ann a thaobh dè tha sa Ghàidhlig.

"Gun teagamh sam bith, tha sinn a' faicinn gu bheil a thaobh poileasaidh - na tha buidhnean a' dèanamh - tha sinn a' faicinn gu bheil iad ag amas air Alba air fad.

"Mar eisimpleir, an t-seirbheis telebhisein a th' againn, 's e BBC ALBA, chan e BBC nan Gàidheal - tha e car inntinneach tha Radio nan Gàidheal againn, ach BBC ALBA - dìreach comharra bheag a tha siud.

"Ach mar a tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus na h-ealain Ghàidhlig a' dol air feadh na dùthcha - gu h-àraidh anns na bailtean mòra air Ghalltachd," thuirt e.

Nàiseanta no Roinneil?

Am feum sinn a' cheist a fhreagairt agus dearbhadh gur e rud nàiseanta a th' anns a' Ghàidhlig - no a bheil an t-àm ann sùil a thoirt an e sin am poileasaidh as glice?

"Tha mi a' smaoineachadh gur e sin ann an dòigh a tha aig teis-meadhan cuid de na deasbadan a tha a' dol gu tric ann an saoghal na Gàidhlig. 'S e sin gum bu chòir prìomhachas a chur air dìon agus togail na Gàidhlig anns na sgìrean far a bheil i làidir sna h-eileanan," thuirt Wilson.

"Gur e sin a th' aig teis-meadhan obair-leasachaidh na Gàidhlig agus dìon na Gàidhlig.

"Ach air cùl sin tha tuigse gu ìre gur e cànan a bhuineas dha na sgìrean sin gu h-àraidh, agus gu bheil sin nas cudromaiche na sealladh nàiseanta air a' ghnothach.

"Air an làimh eile, nuair a chaidh Achd na Gàidhlig a chur an sàs, bha na buidhnean Gàidhlig deimhinnte às gum feumadh e a bhith nàiseanta na ruigse, 's gum biodh a h-uile pàirt de dh'Alba fo bhratach na h-achd, seach a bhith ga comharrachadh mar chànan roinneil mar a bha cuid a' moladh ron sin," thuirt e.

Thèid an òraid a thoirt seachad Diciadain 24mh Giblean aig 3:00f ann an seann sgoil an lèigh-eòlais aig Oilthigh Dhùn Èideann.