Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An Giblean 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bradley Welsh

Tha Poilis a' rannsachadh bàs Bradley Welsh, cleasaiche fiolm air an deach losgadh le gunna ann an Dùn Èideann an-raoir. B' ann airson a phàirt anns an fhiolm Trainspotting2 a b' fheàrr a b' aithne a' mhòr-chuid e. Chaidh Mgr Welsh, a bha 48, fhaighinn air a dhroch leòn air taobh siar a' bhaile an-raoir, agus chaochail e goirid an dèidh sin. Tha poilis ag iarraidh cluinntinn bho dhuine sam bith as aithne dad idir mun chùis.

Coirea a Tuath

Tha Coirea a Tuath ag iarraidh nach bi an còrr pàirt aig Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, Mike Pompeo, anns na còmhraidhean niuclasach eadar an dà dhùthaich. Thuirt oifigich Choirea gu bheil iad ag iarraidh cuideigin a tha nas ciallaiche, agus nas fhaiceallaiche anns na còmhraidhean. Tha an càirdeas eadar Washington agus Pyongyang air a bhith a' dol bhuaithe bho sgaoil àrd-choinneimh eadar iad anns an Fhaoilleach gun aonta.

Extinction Rebellion

Tha dùil ri là eile de throimhe-chèile do luchd-siubhail ann an Lunnainn, agus luchd-iomairt an aghaidh atharrachadh na h-aimsire a' gabhail dha na rathaidean is sràidean a-rithist. Chaidh 100 eile dhiubh a chur an grèim an-dè, a' toirt na h-àireimh gu 400 on a thòisich caismeachd agus togail fianais anns a' bhaile Diluain. Thèid triùir dhiubh sin mu choinneimh na cùirte an-diugh fo chasaid mun dòigh anns an do chuir iad stad air trèana air taobh sear Lunnainn an-dè.

Brexit

Tha dragh ann gu bheil mì-chinnt mu Bhrexit a' toirt droch bhuaidh air turasachd ann an Alba. Tha eòlaichean anns a' ghnìomhachas ag ràdh gu bheil nas lugha de dhaoine à dùthchannan eile an Aonaidh Eòrpaich a' tighinn a dh'Alba a' chiad ghreis am-bliadhna.

Madeira

Thòisich trì là de chaoidh ann an Eilean Madeira, a bhuineas do Phortagail. Chaill 29 duine de luchd-turais Ghearmailteach am beatha nuair a chaidh bus far an rathaid an sin an-dè. Tha poilis anns an eilean a' rannsachadh dè b' adhbhar dhan tubaist.

CalMac

Chuir Comhairle nan Eilean Siar fàilte air còig obraichean samhraidh a tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' stèidheachadh ann an Steòrnabhagh. Bidh iad sin ann an ionad fiosrachaidh ùr do luchd-cleachdaidh ChalMac. Thuirt Cathraiche Comataidh na Còmhdhail aig a' Chomhairle, Ùisdean Robasdan, gu bheil e an dòchas nach eil an seo ach toiseach-tòiseachaidh, agus gun cuir a' chompanaidh aiseig tuilleadh obraichean dha na h-eileanan.