Taic-airgid do dh'oidhirp a' Chàirn Ghuirm

Published
image copyrightBeinn a' Chàirn Ghuirm
image captionGhabh HIE an uairsin smachd air an ionad is na goireasan às ur, is a' chompanaidh a bha gan ruith dhaibh air a dhol ann an rianachd.

Fhuair buidheann a tha 'son ionad sgìthidh a' Chàirn Ghuirm a ghabhail thairis £90,000 bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

'S iad Urras Coimhearsnachd na h-Aghaidh Mòire agus a' Ghlinne Mhòir a tha air cùl plana gus an t-ionad a chur fo smachd na coimhearsnachd.

Tha troimh-chèile air a bhith a' cuairteachadh an ionaid is rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm dùinte air adhbharan sàbhailteachd.

Ghabh HIE an uairsin smachd air an ionad is na goireasan às ur, is a' chompanaidh a bha gan ruith dhaibh air a dhol ann an rianachd.

Toileachas

Dh'innis Urras Coimhearsnachd na h-Aghaidh Mòire agus a' Ghlinne Mhòir gu bheil iad air an dòigh leis an taic-airgid seo.

Thuirt a' bhuidheann gun tèid an t-airgead a chleachadh gus am plana aca a thoirt air adhart.

Thèid manaidsear pròiseict is oifigear rianachd fhasdadh sa chiad dol a-mach, is dòchas ann gun tèid an sgioba a leudachadh.

Thuirt fear de stiùirichean an Urrais, Mike Gale, gur e ceum mòr a tha seo is gu bheil coltas ann gu bheil HIE a-nise a' sealltainn spèis do phlana na coimhearsnachd.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh