Taighean ùra Phort Rìgh air an diùltadh

Published
media captionTaighean Phort Rìgh air an diùltadh.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum beachdaich iad air fearann am Port Rìgh far an robh iad airson taighean a thogail a reic an dèidh cead-dealbhachaidh a bhith air a dhiùltadh.

Bha an t-ùghdarras a' sireadh cead airson 15 taighean-comhairle aig Wood Park, far a bheil Rathad Dhùn Bheagain a' coinneachadh ri Rathad an t-Sruthain.

Air turas a Phort Rìgh Diardaoin, cho-dhùin comhairlichean bhon chomataidh dealbhachaidh an t-iarrtas a dhiùltadh.

Thuirt iad gun robh a' cheàrnaidh seo dhen bhaile a' fàs ro thrang, agus gun robh an làrach fhèin ro bheag airson leasachadh cho mòr.

Reic

Dh'innis an Comh. Alasdair MacFhionghain gu bheil e follaiseach gu bheil feum air barrachd thaighean san Eilean Sgitheanach.

Thuirt e ge-tà, nach robh na planaichean seo freagarrach ann.

Thuirt Mgr MacFhionghain, a tha e fhèin na cheannard buidseit aig Comhairle na Gàidhealtachd, gu bheil coltas ann gun tèid am fearann seo a reic mura tig plana ceart air adhart.

Dh'innis e mar sin gur dòcha gur e companaidh phrìobhaideach a nì leasachadh taigheadais aig an làraich air a' cheann thall.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh