Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An Giblean 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Obar Dheathain

Chaill dithis bhoireannach am beatha an dèidh a dhol dhan mhuir aig traigh Obair Dheathain tràth sa mhadainn an-diugh. Chaidh fios air na seirbhisean-èiginn goirid an dèidh 01.00m. Chaidh an dithis a thoirt gu Taigh-Eiridinn Rìoghail Obair Dheathain ach chaochail iad an sin.

Doire

Thuirt poilis ann an Èirinn a Tuath gu bheil iad an amharas gur e buidheann phoblachdach, air sgaradh bhon IRA, a mharbh tè-naidheachd ann an Doire. Bhuail peilear ann an Lyra McKee, a bha 29, nuair a bha i ag aithris air àimhreit ann an sgìre Chreagain ann an Doire an-raoir.

Extinction Rebellion

Tha a' bhuidheann Extinction Rebellion, a tha a' strì an aghaidh atharrachadh na h-aimsire, a' togail fianais an-diugh aig ionadan 2 agus 3 aig Port-Adhair Heathrow. Chan eil an togail fianais a' toirt buaidh sam bith air na seirbheisean-adhair. Ach tha an iomairt a' cur maill air trafaig air feadhainn de na prìomh rathaidean ann am meadhan Lunnainn.

Poilis

Tha na Làbaraich ann an Alba ag ràdh gu bheil feachd Poileas Alba a' fulang le cion-airgid bho Riaghaltas na h-Alba. Tha na Làbaraich ag ràdh gu bheil poilis ann an Alba a' faighinn fada nas lugha na tha poilis eile san Rìoghachd Aonaichte. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil iad a' cur tuilleadh ri taic-airgid nam poileas agus gu bheil àireamh nan oifigearan poileas a' fuireach aig an aon ìre.

An Ceann-suidhe Trump

Thuirt Deamocrataich anns na Stàitean Aonaichte gun lean iad orra a' feuchainn ris a' Cheann-suidhe Trump a thoirt gu ceartas mu na rudan a thathas a' fàgail air ann an aithisg Raibeirt Mhueller. Rinn Mueller rannsachadh air aithrisean gun robh cuilbheart eadar Mgr Trump agus an Ruis aig àm taghaidhean a' chinn-suidhe. Agus ged a a thuirt an aithisg nach eil dearbhadh sam bith ann air sin, tha Mgr Mueller a' fàgail air Mgr Trump gun robh e ri foill agus ag innse bhreugan.

Taighean Phort Rìgh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd am beachd pìos fearainn ann am Port Rìgh a reic an dèidh dha fàilneachadh orra cead-dealbhachaidh fhaighinn airson còig deug de thaighean comhairle ùr air. Thadhail a' chomataidh dealbhachaidh an-dè air an làraich aig Wood Park far Rathad Dhùn Bheagain an dèidh do na h-uimhir de mhuinntir an àite cur an aghaidh an sgeama. Ged a tha cion thaighean san eilean, chaidh cead a dhiùltadh 's tha a' Chomhairle ag ràdh nach eil roghainn ann ach feuchainn ris an làraich a reic.