County faisg air an tiotal

Marcus Friseal Image copyright SNS
Image caption Marcus Friseal le Cupa Irn-Bru. Tha a h-uile coltas ann gum bi duais an Championship aige an ceartuair cuideachd.

Tha Ross County ag amas air trì puingean an aghaidh Ayr United oidhche Haoine is cothrom aca an Championship a bhuannachadh air an deireadh-sheachdain.

Ma nì County an gnothach aig Pàirce Somerset bhiodh iad naoi puingean air thoiseach air Dundee United is gun ach trì geamaichean air fhàgail aig sgioba Tannadice, is County cuideachd nas fheàrr dheth a thaobh nan tadhal.

Bhiodh an tiotal aig County gu h-oifigeil mura faigheadh United an uairsin na trì puingean bhon gheama acasan an aghaidh Chaley Thistle Disathairne.

Thuirt sgiobair Chounty, Marcus Friseal, nach eil an sgioba a' smaointinn air càil ach an geama aca fhèin.

"Chan eil dad nar inntinn ach feuchainn ris a' gheama an aghaidh Ayr a bhuannachadh", thuirt am Frisealach.

Amas

"Ma thoisicheas tu meòrachadh air geamaichean eile, faodaidh rudan a dhol cearr.

"Feumaidh sinn a dhol a-mach is an geama seo a bhuannachadh", thuirt e.

Tha Ayr iad fhèin feumach air puing fhathast gus a bhith uile gu lèir cinnteach air àite play-off.

'S e sin cuideachd an suidheachadh aig Caley Thistle Inbhir Nis air thoiseach air a' gheama sin an aghaidh Dundee United.

Le Ayr agus ICT mar-thà naoi puingean air thoiseach air Dùn Phàrlain ge-tà, 's e mìorbhail a bhios ann mura bi an dà sgioba anns na play-offs, as bith dè thachras air an deireadh-sheachdain.

Bidh an geama eadar Ayr United is Ross County beò air BBC Scotland oidhche Haoine bho 7.00f