An 500mh defibrillator

Defibrillator

Ruigidh an iomairt Lucky2BHere clach-mhìle mhòr an t-seachdain seo, is an 500mh inneal defibrillator ga thoirt seachad do choimhearsnachd ann an Alba.

Tha an iomairt, a tha stèidhichte san Eilean Sgitheanach, air a bhith a' dol bho 2007, le trèanadh ga thoirt seachad air feadh na dùthcha, a bharrachd air na h-innealan fhèin.

B' e fear à Port Rìgh, Ross Cowie, a stèidhich an iomairt, an dèidh dha grèim-cridhe a ghabhail.

Chaidh a shàbhaladh le carbad-eiridinn a thurchair a bhith a' dol seachad aig an àm, agus defibrillator air bòrd.

Chuir Mgr Cowie roimhe an uair sin gum biodh na h-innealan stèidhichte anns an Eilean Sgitheanach, le ionnsachadh ga thoirt seachad air a bhith gan cleachdadh agus a bhith a' cumail dhaoine beò gus an deadh an toirt don ospadal.

Dh'fhàs an iomairt gu mòr on uair sin, 's innealan na buidhne air an lorg air feadh na dùthcha.

Thèid an 500mh inneal a thoirt seachad an t-seachdain seo le trèanadh na chois.

Tha e coltach gu bheil Lucky2BHere a' dol a leantainn cho fada 's a bhios iarrtas gu leòr ann air na h-innealan seo am measg choimhearsnachdan na h-Alba.