Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An Giblean 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sri Lanka

Bha ochdnar a bhuineadh do Bhreatainn am measg an 290 a chaill am beatha sa cheannairc ann an Sri Lanka an-dè. Cha tàinig fiosrachadh mionaideach sam bith fhathast mun deidhinn bho Oifis nan Dùthchannan Cèine ann an Lunnainn. Dh'iarr Prìomhaire Sri Lanka rannsachadh air carson nach do ghluais na h-ùghdarrasan air rabhadh gum faodadh ionnsaighean a bhith ann. Thuirt fear de bhuill a' Chaibineit ann an Sri Lanka nach deach am fiosrachadh sin a thoirt dhan Riaghaltas.

Chaidh triùir de chloinn an fhir-ghnothaich bheartaich às an Danmhairg, Anders Holch Povlsen, a mharbhadh anns na h-ionnsaighean. 'S ann leis a tha a' bhuidheann Bestseller, a tha a' reic aodaich, agus 's e cuideachd fear de na h-uachdarain as motha a th' ann an Alba.

An Ugràin

Thuirt an Ruis gu bheil cothrom ann a-niste air càirdeas nas fheàrr ris an Ugràin le ceann-suidhe ùr air an dùthaich sin. Fhuair Volodymyr Zelensky, comedian agus cleasaiche, cha mhòr trì chairteal den bhòt, an aghaidh a' Chinn-Suidhe a bh' ann, Petro Poroshenko.

Extinction Rebellion

Bidh buill den bhuidhinn Extinction Rebellion a' coinneachadh an-diugh a dheasbad dè an ath-cheum dhaibh nan strì an aghaidh Atharrachadh na h-Aimsire. Tha iad air tarraing a-mach à meadhan Lunnainn far an do rinn iad togail fianais mhòr an t-seachdain seo chaidh, ged a tha feadhainn dhiubh fhathast cruinn aig Marble Arch, far an tug na h-ùghdarrasan dhaibh cead a bhith. Chaidh còrr is 950 duine a chur an grèim anns an iomairt a thàinig gu ceann an-raoir nuair a ghluais poilis na bh' air fhàgail dhiubh air falbh bho Dhrochaid Waterloo.

Maoineachadh Foghlaim

Chuir Riaghaltas na h-Alba dìon air na tha iad a' cosg air foghlam, agus na Làbaraich an Alba ag ràdh gu bheil ceudan not nas lugha ga chur mu choinneimh gach sgoileir bho 2010. Thuirt fear-labhairt do Rùnaire an Fhoghlaim, John Swinney, gun deach cosgais air sgoiltean agus foghlam suas còrr is £600m bho thàinig an SNP gu cumhachd mar riaghaltas, agus gu bheil cuideachd an t-suim airgid mu choinneimh gach sgoileir a' dol suas.