Teine monaidh fhathast a' gabhail faisg air tuath-gaoithe

Teine monaidh ann am Moireibh Image copyright JASPERIMAGE
Image caption Bha còrr air 50 luchd-smàlaidh a' strì ris an teine

Tha luchd-smàlaidh a' feuchainn ri smachd fhaighinn air teine monaidh ann am Moireibh faisg air tuath-gaoithe ann an Cnoc Cheannachd.

Chaidh an gairm a-mach goirid ro 3:00f Diluain nuair a chunnacas lasraichean faisg air Cnoc Phòil, ann an Cnoc Cheannachd, deas air Eilginn.

Tha 28 crann-gaoithe aig tuath-goithe Chnoc Phòil, a tha fo shealbh Fred Olsen Renewables.

Image copyright JASPERIMAGE
Image caption Bha an teine a' còmhdach sgìre mhòir oidhche Luain

Tha an teine a' gabhail air sgìre sia mìle de dh'fhaid air aon aghaidh, agus dà mhìle air an taobh eile dheth.

Tha mu 30 luchd-smàlaidh fhathast aig làrach an teine, ach aig àirde bha còrr agus 50 luchd-smàlaidh an sàs san iomairt bho 17 aonadan.

Chan eilear den bheachd gun deach duine a ghoirteachadh.

Image copyright Conor Small
Image caption An teine a' losgadh air cùl ionad trèanaidh an airm ann an Ceann Loch Lìobhann oidhche Dhòmhnaich

Bha luchd-smàlaidh cuideachd a' dèiligeadh ri teine monaidh a bha a' toirt buaidh air mu 75 acair ann an Loch Abar.

Thòisich e deas air Ceann Loch Lìobhann Là na Sàbaid agus bha e fhathast a' dol oidhche Luain.

Chaidh ceithir innlean smàlaidh a chur chun na làraich, ach chaidh aig luchd-smàlaidh air an teine a chur às.

Tha Seirbheis Smàlaidh na h-Alba ag ràdh gu bheil iad air a bhith furachail airson grunn làithean air sgàth cho fìor thiorram agus a tha an talamh ri linn na deagh shìde.

Tha iad ag iarraidh dhaoine a thèid a-mach air an tuath a bhith air am faiceall agus fios a bhith aca mu cho furasta 's a tha e teine a chur thuige - agus mu cho luath a dh'fhaodas e sgapadh.

Tha BPA Mhoireibh, Ridseard Lochhead, ag ràdh gu bheil e na adhbhar dragh dha cho bitheanta agus a tha teinntean monaidh san sgìre, agus tha e airson còmhraidhean a chumail mu na tha a' tachairt agus airson faighinn a-mach mar a ghabhas teintean monaidh a sheachnadh.