Draghan as ùr mu bhuaidh nan iolairean-mara

Iolaire-mhara
Image caption Tha 2.5 meatair ann an sgiathan na h-iolaire-mara.

Tha iolairean-mara gan coireachadh airson lùghdachadh san àireamh de dh'eòin bheaga.

Chaidh na h-eòin-chreachaidh a thoirt air ais a dh'Alba bho chionn 40 bliadhna.

Shoirbhich leotha gu mòr agus thathar a' tomhas gum faodadh suas ri 200 càraid a bhith ann am beagan bhliadhnaichean.

Ach tha aon bhuidheann ghlèidhteachais a' toirt rabhaidh mun sgrios, nam beachd, a tha iad a' dèanamh air fiadh-bheatha na dùthcha.

Tha croitearan agus tuathanaich air a bhith a' gearan bho chionn ùine gu bheil na h-iolairean-mara a' falbh le uain orra, agus fiù 's ag amas air caora mhòr aig amannan.

Tha cathrannas a tha ag amas air dìon a chur air eòin bheaga na Rìoghachd Aonaichte a' cumail a-mach gu bheil na h-iolairean-mara a' toirt droch bhuaidh air na h-eòin bheaga mar dhruidean agus smeòraich.

Tha Urras Eòin Bheaga na Rìoghachd Aonaichte ag ràdh gum feum fios a bhith aig an riaghaltas agus buidhnean glèidhteachais eile mun chron a tha na h-eòin a' dèanamh agus iad air fàs cho pailt.

Image caption Tha iolairean-mara gan coireachadh airson crìonadh an àireamh nan eun beaga an Alba.

Tha rabhadh an Urrais a' tighinn an dèidh do dhealbhan nochdadh de dh'iolaire-mhara a' toirt ionnsaigh air iolaire-bhuidhe agus ga marbhadh air tuath faisg air an Òban.

Tha Iar-chathraiche an Urrais an Alba, Cailean Strang Steele, ag ràdh gum bi an iolaire-mhara - a tha 2.5 meatair a dh'fhaid sna sgiathan aice - ag amas air eòin mar an uiseag, a' ghuilbneach, an fheadag bhuidhe agus a' churracag.

Tha e dhen bheachd gur e droch mhearachd a bh'ann na h-iolairean-mara a leigeil ma sgaoil agus gum feum tuigse nas fheàrr a bhith aig an Riaghaltas mu na tha a' tachairt a-muigh air an dùthaich.

'S e creutair a th'anns an iolaire-mhara, tha e ag ràdh, nach eil ann an cunnart bho bheathach eile.

Na bheachd, tha cus aire ga thoirt do dh'eòin-sheilg, a th'air an dìon bhon lagha, agus a bheir droch bhuaidh air ainmhidhean eile.

Thuirt Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH), ris an robh obair na h-eòin ath-stèidheachadh an Alba an urra, gu robh fios aca gum bi na h-iolairean-mara a' toirt ionnsaigh air na h-iolairean-buidhe ach nach robh fianais aca gu robh seo a' toirt droch bhuaidh air àireamhan.

Gu dearbha, tha iad gu math fallainn, thuirt iad.