Dòchas gum faigh Gleann Eilg agus Àrnasdail dotair agus nurs ùr

Gleann Eilg
Image caption Rinneadh strì mhòr ann an Gleann Eilg airson dotair agus nurs ùr fhaighinn.

Dhearbh Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gun tèid dotair eile is nurs - an dìthis pàirt-ùine - fhastadh ann an Gleann Eilg agus Àrnasdal.

Tha seo a' tighinn às dèidh strì bhon choimhearsnachd.

Bidh a-nise dithis dhotairean - aon làn-uine agus aon pairt-ùine - agus nurs pàirt-ùine anns an sgìre.

Tha fear de mhuinntir an àite, Dòmhnall Iain MacLeòid, ag ràdh gun dèan e feum mòr gum bi dotair air an taobh acasan den bhealach.

"'S e sin, mar a chanadh tu, an stumbling block a th'ann am bealach.

Can aig trì uairean sa mhadainn sa gheamhradh, nam biodh dotair a' tighinn às an Ath-Leathann nach fhaigheadh iad a-nall am bealach.

Cha b'urrainn dhaibh faighinn a-nall agus cha b'urrainn dhaibh faighinn air ais, bidh iad dìreach ceangailte sa bhealach.

Bha daoine a' fàgail seo o chionn ghoirid mar a bha gnothach a' dol," thuirt e.

A dh'aindheoin duilgheadas a' fasdadh dhotairean ron seo tha Mgr MacLeòid gu math dòchasach gun tèid leotha an turas seo.

Dùbhlain fastaidh

Dh'aidich Cathraiche Eadar-amail Bhòrd Slàinte na Gàidealtachd, Boyd Robasdan, ge-tà gur dòcha gum bi e doirbh na dreuchdan ùra a lìonadh.

"Chan eil e fursasta a bhith a' tàladh dhaoine chun na Gàidhealtachd, ach tha sinne mar-thà ann an co-luadar ri Comhairle na Gàidhealtachd, ri seirbheis poilis na Gàidhealtachd, agus ri Seirbheis Smàlaidh na Gàidhealtachd, buidhnean aig a bheil feumanan fastaidh mar a tha sinn fhèin, agus tha sinn a' smaoineachadh gum biodh e na chuideachadh nan obraicheamaid còmhla.

"Tha Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean (SNH) ag obair an-dràsta air pròiseact co-cheangailte ris an seo.

"Anns a' cheann fhada tha mi a' smaoineachadh gum bi dòigh ann air co-obrachadh eadar bhuidhnean airson sanasachd, mar èisimplear, cho math sa tha a' Ghàidhealtachd mar àite airson a bhith ag obair ann, mar àite airson a bhith a' fuireach ann, mar àite a bhith a' togail theaghlaichean ann, agus gun tàlamaid 's dòcha lìghiche gu seirbheis na slàinte agus neach-teagaisg gu seirbheis na comhairle.

"Dòighean as ùr airson daoine a thàladh ach, fhathast, bidh duilgheadas ann le àiteachan-fuirich, gu h-àraid san Eilean Sgitheanach, agus bha sin na cheist dhomhsa nuair a bha mi aig Sabhal Mòr Ostaig cuideachd.

"Feumaidh sinn, mar sin, a bhith a' co-obrachadh leis na buidhnean eile feuch a bheil toglaichean againn mar-thà a ghabhadh an atharrachadh gu bhith nan ionadan-fuirich airson luchd-obrach feumail, neo a bheil feum air toglaichean ùra fhaighinn agus àiteachan ùra a thogail a bhios goireasach dhan luchd-obrach a dh'fheumas sinn can san ospadal ùr san Ath-Leathann," thuirt Mgr Robasdan.

Bidh sanasan a' dol a-mach airson obraichean dotair agus nurs pàirt-ùine ann an Gleann Eilg a dh'aithghearr, cho math ri obair neach-altruim do Ratharsair cuideachd.

"Feumaidh sinn a bhith beò an dòchas gum faigh sinn daoine a thig dha na h-obraichean sin, ag aithneachadh gu robh duilgheadasan ann sna bliadhnaichean a dh'fhalbh ann a bhith a' fasdadh dhaoine, ach tha sinn a' cur barrachd cuideim dhan ghnothach a-nis agus ag iarraidh gum bi daoine air am fasdadh," thuirt Boyd Robasdan.