Bidh BPA nan Eilean Siar a' cumail coinneimh aig muir

Loch Seaforth
Image caption Bidh coinneamh Mgr Allan ga cumail air bòrd an Loch Seaforth.

Bidh Alasdair Allan BPA ri fhaotainn airson èisteachd ri beachdan agus draghan luchd-bhòtaidh air bòrd bàt-aiseig Chaledonian Mhic a' Bhruthainn.

Bidh Mgr Allan a' siubhal air an Loch Seaforth air an t-slighe à Steòrnabhagh gu Ulapul feasgar Dhisathairne.

Bidh cothrom aig luchd-siubhail air seirbheis 03:30f coinneachadh ris agus cuspair sam bith a thogail leis; 's iogntach mura bi seirbheisean agus soithichean ChalMac fhèin am measg nan rudan a tha nan adhbhar dragh dhaibh.

Tha buill-phàrlamaid tric a' toirt cothrom don phoball thighinn a bhruidhinn riutha agus an cuid draghan a chur an cèill air feadh na roinne-pàrlamaid aca, ach tha dùil gur e seo a' chiad turas a chaidh an leithid de choinneimh a chumail air bòrd soitheach na companaidh aiseig.

Thuirt Alasdair Allan BPA:"On chaidh mo thaghadh mar bhall-pàrlamaid nan Eilean Siar, tha mi air a bhith a' feuchainn ri bhith cho fosgailte agus a ghabhas agus a h-uile cothrom a thoirt dhan fheadhainn a tha mi a' riochdachadh thighinn a bhruidhinn rium.

"Tha coinneamhan comhairleachaidh agam gu tric san oifis agam agus tha mi daonnan deònach tadhal air daoine agus coinneachadh riutha nuair a tha mi ann an sgìre eile de na h-eileanan.

"Tha e duilich uaireanan, ge-tà, air sgàth cho sgapte agus a tha an roinn-phàrlamaid sin a dhèanamh agus, mar sin, tha mi a' coimhead air dòighean eile èisteachd ri luchd-bhòtaidh.

"'S e coinneachadh ri daoine agus feuchainn ri an cuideachadh an rud as fheàrr leam mun obair agam.

"Tha mi a' brosnachadh dhaoine a tha a' seòladh feasgar Dhisathairne an cothrom a ghabhail dragh sam bith a dh'fhaodadh a bhith aca a thogail leam," thuirt Mgr Allan.