Cleachdar drònaichean airson daoine a lorg

Dròn Image copyright Police Scotland
Image caption Bidh na drònaichean a thèid an stiùireadh aig astar stèidhichte an Inbhir Nis agus Obair Dheathain.

Tòisichidh na Poilis ann an Inbhir Nis agus Obar Dheathain a' cleachdadh drònaichean ann an iomairtean teasairginn.

Bidh na h-itealain bheaga adhartach, a thèid a stiùireadh bhon talamh (RPAS), air an ruith a-mach à oifisean Obar Dheathain agus Inbhir Nis.

Thuirt Poileas Alba gum bi an dà RPAS, a thèid a chur an gnìomh air 1mh den Chèitean, comasach air sgìrean farsaing a sgrùdadh mòran nas luaithe.

An-uiridh fhuair na Poilis fios mu 3,494 duine a bha a dhìth san ear-thuath agus mu 2,343 air Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan.

Image copyright Police Scotland
Image caption Bidh oifigearan air an trèanadh ann a bhith ag obrachadh nan drònaichean.

Fhuair oifigearan trèanadh ann a bhith ag obrachadh nan innealan airson rannsachadh a dhèanamh san dà chuid am baile mòr agus a-muigh air an tuath, cho math ri bhith a' cumail taic ri tachartasan poblach agus dèiligeadh ri cùisean poilis eile a dh'fhaodadh èirigh.

Thuirt ceannardan sheirbheisean speisealta, an t-Àrd-Shupt Matt Richards: "Le bhith a' cleachdadh RPAS bidh e comasach dhuinn seirbheis nas fheàrr a thoirt do cheann a tuath na h-Alba far a bheil e uaireannan na dhùbhlan air sgàth cruth na tìre agus na h-aimsire.

"Bidh na RPAS nam buannachd mhòir dha na sgiobannan againn nuair a thig e gu bhith a' coimhead airson daoine a tha a dhìth neo a dh'fhaodadh a bhith ann an suidheachadh duilich, gu h-àraidh ann an sgìrean iomallach a' chinn a tuath.

"Cha ghabh na RPAS àite heileacoptair Poileas Alba agus bidh amannan ann nuair a bhios sinn a' cleachdadh an heileacoptair seach na RPAS," thuirt e.

Coimhearsnachdan Sàbhailte

Thuirt Rùnaire a' Cheartais, Humza Yousaf: "Cuidichidh an uidheamachd ùr-nuadh seo Poileas Alba ann a bhith a' cumail choimhearsnachdan sàbhailte, agus a' dèanamh iomairtean teasairginn airson daoine a tha a dhìth neo ann an suidheachadh duilich nas èifeachdaiche, gu h-àraid thairis air sgìrean mòra agus dùbhlanach.

"Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur taic ri teicneòlais ùr do sheirbheisean Poileas Alba agus tha sinn air dèanamh cinnteach gu bheil am buidseat aca airson na bliadhna 2019-20 còrr air £1.2BN," thuirt Mgr Yousaf.

Image copyright Police Scotland
Image caption Cleachdar na drònaichean airson iomairtean teasairginn agus cùisean sònraichte sa bheil na Poilis an sàs.

Chleachd Poileas Alba an teicneòlas mar-thà.

Chaidh dròna beag a chleachdadh ann an 2015 nuair a bhathas a' feuchainn ri lorg fhaighinn air fear-sreap nach do thill an iar-thuath na Gàidhealtachd.

Chunnacas Eric Cyl, 62, à Cille Mheàrnaig a' dèanamh air beanntan nam Mam Mòra faisg air a' Ghearasdan.

Rinn luchd-teasairginn nam beann sgrùdadh fairsaing air an sgìre, a' toirt a-steach Slighe an Still agus an Steall Bàn.

Chleachd Poileas Alba an dròna airson dealbhan a thogail bhon adhar a dh'fhaodadh iad sgrùdadh feuch an robh sgeul air Mgr Cyl, ach the e fhathast a dhìth.