Bidh drònaichean gan cleachdadh airson lorg fhaighinn air daoine

Dròn Image copyright Police Scotland
Image caption Bidh na drònaichean a thèid an stiùireadh aig astar stèidhichte an Inbhir Nis agus Obair Dheathain.

Bidh na poilis ann an Inbhir Nis agus Obair Dheathain a' cleachdadh dhrònaichean ann an iomairtean teasairginn.

Bidh na h-itealain bheaga adhartach, a thèid a stiùireadh bhon talamh (RPAS), suidhichte ann an Obair Dheathain agus Inbhir Nis.

Thuirt Poileas Alba gum bi an dà RPAS, a thòisicheas air 1mh den Chèitein, comasach air sgìrean farsaing a sgrùdadh mòran nas luaithe.

An-uiridh fhuair na poilis fios mu 3,494 duine a bha a dhìth san ear-thuath agus mu 2,343 air Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan.

Fhuair oifigearan trèanadh ann a bhith ag obrachadh nan innleanan airson rannsachadh an dà chuid am baile mòr agus a-muigh air an tuath, cho math ri cumail taic ri tachartasan poblach agus dèiligeadh ri cùis poilis eile a dh'fhaodadh èirigh.

Thuirt ceannardan sheirbheisean speisealta, an t-Àrd Supt Matt Richards: "Le bhith a'cleachdadh RPAS bidh e comasach dhuinn seirbheis nas fheàrr a thoirt do cheann a tuath na h-Alba far a bheil e uaireannan na dhùbhlan air sgàth cruth na tìre agus na h-aimsire.

"Bidh na RPAS na bhuannachd mhòr dha na sgiobannan againn nuair a thig e gu bhith a' coimhead airson daoine a th'air chall neo a dh'fhaodadh a bhith ann an suidheachadh duilich, gu h-àraidh ann an sgìrean iomallach a'chinn a tuath.

"Cha gabh na RPAS àite helicoptair Poileas Alba agus bidh amannan ann nuair a bhios sin a'cleachdadh an helicoptair seach na RPAS," thuirt e.

Cumaibh coimhearsnachdan sàbhailte

Thuirt Rùnaire a' Cheartais, Humza Yousaf: "Cuidichidh an uidheamachd ùr-nuadh seo Poileas Alba ann a bhith a'cumail choimhearsnachdan sàbhaitle, agus a' dèanamh iomairtean teasairginn airson daoine a tha a dhìth neo ann an suidheachadh duilich nas èifeachdaiche, gu h-àraid thairis air sgìrean mòra agus dùbhlanach.

"Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur taic ri teicneòlais ùr do sheirbheisean Poileas Alba agus tha sinn air dèanamh cinnteach gu bheil am buidseat aca airson na bliadhna 2019-20 còrr air £1.2 billean," thuirt Mgr Yousaf. Chleachd Poileas Alba an teicneòlas mar-thà.

Chaidh dròn beag a chleachadh ann an 2015 nuair a bhathas a' feuchainn ri lorg fhaighinn air fear-sreap nach do thill à iar-thuath na Gàidhealtachd.

Chunnacas Eric Cyl, 62, à Cille Mheàrnaig a' dèanamh air beanntan nam Maim Mòr faisg air a' Ghearasdan.

Rinn luchd-teasairginn nam beann sgrùdadh fairsaing air an sgìre, a' toirt a-steach Slighe na Steall agus an Steall Bàn.

Chleachd Poileas Alba an dròn airson dealbhan a thogail bhon adhair a dh'fhaodadh iad sgrùdadh feuch an robh sgeul air Mgr Cyl ach the e fhathast a dhìth.