Bhàsaich fireannach ann an tubaist rathaid faisg air Eilginn

Seacaid bhuidhe nam poileas

Chaidh am prìomh rathad, an A96, a dhùnadh fad grunn uairean de thìde oidhche Mhàirt fhad 's a bha na poilis a' rannsachadh làrach na tubaiste.

Thachair an tubaist san robh bhana agus càr an-sàs mu 06:00f Dhimàirt.

Chaochaill Shane Drury a bha 29 bliadhna a dh'aois.

Chaidh dithis fhireannach a ghoirteachadh san tubaist.

Chaidh fear, 52 bliadhna a dh'aois, a thoirt a dh'Ospadal an Dr Gray ann an Eilginn, agus fear eile, 47 bliadhna a dh'aois, a thoirt le helicoptair gu Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Bha am prìomh rathad eadar Inbhir Nis agus Obair Dheathain, an A96, dùinte fad seachd uairean de thìde airson leigeil le na poilis sgrùdadh a dhèanamh air làrach na tubaiste.