Coimhearsnachd Leòdhasach a' faighinn airgid 'son a dhol nas uaine

Published
image copyrightDonald MacDonald
image captionIonad Chlann MhicGuaire ann am Borgh ann an Leòdhas

Fhuair Ionad Chlann MhicGuaire ann am Borgh ann an Leòdhas £32,731 bho Mhaoin Dùbhlain Atharrachadh na h-Aimsire (CCF).

A thuilleadh air truailleadh chàrboin dà ocasaid a lùghdachadh aig an ionad fhèin, thèid an t-airgead a chleachdadh airson tuigse nas fheàrr a thoirt don choimhearsnachd air gnothaichean co-cheangailte ri atharrachadh na h-aimsire.

Thèid bùithtean-obrach a chumail le muinntir an àite, gnothachasan, buidhnean coimhearsnachd agus sgoilearan ann an Leòdhas is na Hearadh.

'S e Agnes Rennie Cathraiche Ionad Chlann MhicGuaire.

"Tha sinn air ar dòigh glan gun d'fhuair sinn an t-airgead seo bhon CCF.

"Tha e cudromach gum bi tuigse aig daoine na ghabhas dèanamh airson buaidh atharrachadh na sìde a lùghdachadh agus tha sinne toilichte a bhith cur ris an sin taobh a-staigh na coimhearsnachd againn fhèin.

"Rinn sinn adhartas math on dh'fhosgail an t-ionad bho chionn 10 bliadhna agus thèid againn air barrachd càrbon dà ocasaid a lùghdachadh leis an taic-airgid seo," thuirt a' Bhean-phòsta Rennie.