"Feumar buannachdan fhaighinn à Plana Nàiseanta nan Eilean"

Cladach ann an Leòdhas
Image caption Tha Plana Nàiseanta nan Eilean ga ullachadh.

Chaidh innse do riochdairean Riaghaltas na h-Alba gu bheil an sluagh a' sùileachadh gum bi buannachdan an cois Plana Nàiseanta nan Eilean.

Thòisich sreath choinneamhan poblach ann an Leòdhas agus anns na Hearadh mar phàirt den cho-chomhairle air a' phlana a dh'fheumas Riaghaltas na h-Alba ullachadh agus dleasdanas orra fo Achd nan Eilean a chuireadh an gnìomh sa Chèitean an-uiridh.

Bha dà thachartas san Rubha Dimàirt far an robh cothrom aig a' phoball innse dha na h-oifigich dè bu mhiann leothasan bho leithid de ro-innleachd.

B'i Donna NicLeòid tè dhen fheadhainn a nochd airson beachd a thoirt dhaibh.

"Cha mhòr nach tug iad dhuinn wish list airson rud sam bith a bha sinn ag iarraidh, gu robh sinn a' dol ga fhaighinn.

"Chan eil fhios agam dè cho fìrinneach sa a tha sin," thuirt i.

Image caption 'S e piseach a thoirt air seibheisean còmhdhail fear de na cuspairean as motha a thog ceann.

'S e seirbheis bann-leathann nas fheàrr, còmhdhail agus bochdainn connaidh cuid de na cuspairean a thog ceann.

"Bha eisimpleir math againn air an t-seachdain sa chaidh leis an ferry a bha ceangailte ann am Barraigh airson faisg air seachdain, agus chunnaic iad an-uiridh ann an seo gu robh dìth ferries orra.

"Luchd nan eilean fhèin, chan fhaigheadh iad air falbh.

"Feumaidh iad tuilleadh bhàtaichean-aiseig fhaighinn airson agus gum faigh daoine air falbh agus thighinn nuair a tha iad ag iarraidh.

"Nan dèanadh iad càil mu dheidhinn sin, bhiodh e math smaoineachadh gun dèanadh, ach cha do dh'fhairich mi misneachd gu robh iad a' dol a dhèanamh càil den sin," thuirt Ms. NicLeòid.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu robh iad a' ruith nan seiseanan seo airson agus bheil iad airson tuigse a bhith aca air na rudan math a thaobh beatha eileanach ach cuideachd na dùbhlain na chois.

Gheall iad gum biodh Plana nan Eilean a' toirt feairt air rùintean agus draghan mhuinntir nan eilean.

Tha dùil gun till Riaghaltas na h-Alba gu na coimhearsnachdan ro dheireadh na bliadhna le lèirmheas air na tha iad air cruinneachadh sa cho-chomhairleachadh.