Chuireadh fireannach an grèim an dèidh aimhreit an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh

Chaidh poilis armaichte a ghairm gu dachaigh ann am Baile Muilinn an Leigheis ann an uairean beagan na maidne.
Fhuair iad fios mu bhuaireadh aig taigh air Sràid Srath Spè mu 03:20m Diaciadain.
Dhearbh na poilis ann an Inbhir Nis gun do chuir iad fireannach, 28 bliadhna a dh'aois, an grèim an co-cheangal ris a' chuis.
Tha Rathad nan Innseagan fosgailte a-rithist an dèidh a bhith dùinte do thrafaig.
Thuirt an t-Àrd Insp Cailean Gough:"'S ann taobh a-staigh na dachaigh seo a bha an tachartas seo agus cha robh am poball ann an cunnart.
"Tha sinn a' tuigsinn gum faodadh gun do chuir iomairt nam poileas dragh air daoine agus tha sinn taingeil dhaibh airson agus cho foighidneach agus tuigseach agus a bha iad fhad' s a bha sinn ann," thuirt e.