Tha stoc a' bhradain fhiadhaich "aig an ìre as ìsle riamh"

Bradan aibhne

Tha na thathar a' glacadh de bhradan fhiadhaich cho ìosal 's a bha e on thòisicheadh a' cumail chlàraidhean, am beachd buidhne riaghlaidh a' ghnìomhachais.

Thuirt Buidheann Riaghlaidh an Iasgaich an Alba gu bheil stocan den iasg aig ìre èiginnich.

Tha co-bhanntachd de bhùird iasgaich a' bhradain a' tomhas gu bheil na thathar a' glacadh den iasg aig an ìre as ìsle bho 1952.

Tha Riaghaltas na h-Alba air grunn cheumanan a ghabhail sna beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh airson stocan a ghlèidheadh.

Thuirt Rùnaire na h-Àrainneachd, Roseanna Choineagan: "Tha e na adhbhar dragh mòr dhuinn mar a tha lùghdachadh air tiginn air àireamhan a' bhradain fhiadhaich, agus tha mi airson agus gun dèan sinn ar dìcheall gum bi an gnè èisg seo buan."

Ìre Chunnartach

Ach am beachd àrd-oifigeir Buidheann Riaghlaidh an Iasgaidh an Alba, Ailean Wells, bu chòir barrachd oidhirp a dhèanamh.

"Tha stocan aig an ìre as ìsle on thòisich sinn air àireamhan a chlàradh.

"Tha figearan airson 2018, còmhla ri figearan airson nam beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh, a' dearbhadh gu bheil stocan an èisg chliùitich seo aig ìre chunnartaich.

"Cha ghabh smachd, 's dòcha, a ghabhail air cuid de na rudan as motha a tha a' toirt buaidh air stocan, ach tha cothrom aig na buidhnean riaghlaidh a h-uile oidhirp a dhèanamh airson dìon a chur air an iasg," thuirt e.

Image caption Bha tuathanachas-èisg a' faighinn a' choire airson an lùghdachaidh ann an àireamh a' bhradain fhiadhaich.

Tha luchd-iomairt air cumail a-mach gur iad tuathanasan-èisg a bu choireach airson bàs bhradan fiadhaich an dèidh do mhialan mara bho na tuathanasan tighinn orra.

Mhol rannsachadh Pàrlamaid na h-Alba gum bi tuathanasan ùra suidhichte astar air falbh bho na slighean a bhios am bradan a ghabhail eadar a' mhuir agus an abhainn.

Chuir gnìomhachas a' bhradain còrr air £1bn ri eaconamidh na h-Alba an-uiridh agus tha 10,000 duine a' faighinn cosnaidh aig 226 tuathanasan èisg, tòrr aca ann an sgìrean dùthchail.

Tha Buidheann Dìon na h-Àrainneachd an Alba air a ràdh roimhe gu bheil aon leasachadh às gach còig nach bi a' cumail ri riaghailtean slàinte na h-àrainneachd.

Tha an gnìomhachas ag ràdh gu bheil iad ag obair gu cruaidh airson dèiligeadh ri mialan-mara, agus gu bheil adhartas ann le bhith a' cleachdadh "èisg ghlanaidh" a bhios gan ithe, agus mar sin tha iad a' seachnadh stuthan ceimigeach airson cur às dha na biastan beaga.

Fuasgladh

Foillsichidh Riaghaltas na h-Alba àireamhan oifigeil fhathast a thaobh na tha de bhradain fhiadhaich.

Thuirt Rùnaire na h-Àrainneachd, Roseanna Choineagan, gun robh iomadh adhbhar ann airson agus nach robhar a' glacadh na h-uimhir dhiubh, nam measg cho gann agus a bha uisge an Alba as t-Samhradh an-uiridh.

"Tha sinn air 12 rud a chomharrachadh a tha a' toirt droch bhuaidh air a' bhradan, agus tha sinn ag obair gu dlùth le buidhnean eile airson dèiligeadh riutha.

"An-uiridh, mar èiseimplir, chuir sinn £500,000 mu seach airson rannsachaidh airson agus gum bi tuisgse nas fheàrr againn air an duilgheadas agus mar as fhèarr a ghabhas fuasgladh fhaighinn.

"A thuilleadh air sin, tha sinn a' toirt mu £5m gu Stòras Àrainneachd an Uisge a leigeas le SEPA obair a dhèanamh airson na cunnartan agus dùbhlain an cois imrich a' bhradain a lùghdachadh," thuirt a' Bh-Ph. Choineagan.