Chaochail fireannach an dèidh tubaist rathaid air an A9

Seacaid poilis

Dhearbh na poilis gun do bhàsaich duine a bha an sàs ann an tubaist eadar làraidh agus càr air an A9 faisg air Alanais.

Bha am fireannach, a bha 63 bliadhna de dh'aois, a' dràibheadh Fiat Bravo agus b'e an aon duine sa chàr.

Bhuail an càr aige agus làraidh mhòr na chèile aig ceann-rathaid Mhaoil nam Fuath far a' phrìomh rathaid.

Chaidh innse dha theaghlach mu na thachair.

Thachair an tubaist mu 08:10m Diciadain.

Cha deach dràibhear na làraidh a ghoirteachadh gu dona agus fhuair e cùram meidigeach aig làrach na tubaiste.

Bha an rathad dùinte fhad 's a bha na poilis a' rannsachadh na thachair ach chaidh fhosgladh a-rithist mu 02:30f.

Thuirt an Sairdeant Alasdair MacAoidh: "Tha ar co-fhaireachdain le càirdean agus caraidean an duine.

"'S ann aig ìre gu math tràth a tha an sgrùdadh againn.

"Bu mhath leam gun tigeadh daoine a chunnaic na thachair agus aig a dh'fhaodadh dealbhan dashcam a bhith aca thighinn a bhruidhinn rinn cho luath 's a ghabhas,."