Sea Eagles
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Buaidh nan iolairean mara

24 An Giblean 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha croitearan ann an Uibhist a Tuath ag ràdh gu bheil an sgrios a tha iolairean mara a' dèanamh air uain a' fàgail suidheachadh far nach eil na h-uain aca a' fàs chun a' mheud a bu mhiann leotha mus tèid iad chun a' mhargaidh.

Cha ghabh caoraich le uain nan cois fhàgail air a' bheinn leis a' chall a dh'fhaodadh tighinn orra.

Thèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air sgeama a tha a' tabhainn taic-airgid nuair a thig e crìch am bliadhna.

Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.