Barrachd obrach son seach-rathad an t-Sròim a dhèanamh nas sàbhailte

  • Air fhoillseachadh
Caolas an t-Sròim
Fo-thiotal an deilbh,
Tha an rathad a' leantainn bhruaichean Loch Carainn.

Thèid lìn mheatailte a chur tarsainn a' chreig chugallaich os cionn seach-rathad an t-Sròim ged 's e fuasgladh maireannach a bu mhiann le mòran sa choimhearsnachd.

Nì Comhairle na Gàidhealtachd an obair air dà earrann den rathad air Taobh Siar Rois as t-Fhoghar.

Tha dà phìos os cionn an rathaid far a bheilear a' measadh gu bheil cunnart mòr gum bris a' chreag air falbh, agus cuirear lìn làidir thèarainte an sàs airson a cumail gun a bhith a' dol air an rathad gu h-ìosal.

Cosgaidh an obair £2 mhillean; tòisichidh i san t-Sultain agus mairidh i ochd seachdainean.

Thèid an obair a dhèanamh air an oidhche airson agus gum bi an rathad fosgailte tron là.

Tha gu leòr sa choimhearsnachd ag ràdh, ge-tà, gur e fuasgladh maireannach tha a dhìth airson an A890 a dhèanamh nas sàbhailte.

Tha Eilidh NicCalmain na cathraiche air Comhairle Coimhearsnachd Loch Carainn.

"Tha sinn feumach air rathad ùr, rathad ceart, rathad sàbhailte ach cuin a gheibh sin e?

"Tha iad a' cur mòran airgid ann an toll dubh agus cha bhi an rathad sin sàbhailte gu bràth,"thuirt i.

Tùs an deilbh, Ingrid Deschryver
Fo-thiotal an deilbh,
Tha maoimtean-slèibhe air buaidh a thoirt air an t-seach-rathad sna beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh.

Chaidh an rathad a dhùnadh grunn thursan thar nam bliadhnaichean an dèidh don chreag thighinn a-nuas air.

Tha an seach-rathad a' ceangal Loch Carann agus am Ploc, far a bheil àrd-sgoil, agus às an sin a' dol dhan Chaol agus an t-Eilean Sgitheanach.

Nuair a tha an seach-rathad dùinte feumaidh dràibhearan slighe 140 mìle a ghabhail, seach an 18 mìle eadar Loch Carann agus am Ploc.

An dèidh maoim-slèibhe san Dùbhlachd 2011 bha an rathad dùinte airson ceithir mìosan.

Tha molaidhean air a bhith ann airson drochaid, tunail agus rathad gu tur ùr ach chosgadh leithid de phròiseactan na milleanan mòra.