Iolairean-mara gan coireachadh airson uain nas lugha an Uibhist

  • Air fhoillseachadh
Iolaire-mhara
Fo-thiotal an deilbh,
Tha 2.5 meatair ann an sgiathan na h-iolaire-mara.

Cha chuir aon chroitear an Uibhist uain dhan mhonadh ri linn cunnart bho na h-iolairean-mara agus tha e ag ràdh gum fàg sin nach fhàs iad cho mòr 's bu chòir dhaibh.

Tha Somhairle MacDhòmhnaill bho Chladach a' Bhaile Shear ag ràdh nach urrainn dha caoraich uain a chur a-mach dhan ionaltradh math air a' mhonaidh agus cus eagail air gum falbh iolaire-mhara le uan.

B'àbhaist dha fhèin agus croitearan eile an stoc a chur a-mach dhan mhòintich eadar Burrabhal agus Eabhal gus an tigeadh na h-uain a-reic as t-fhoghar.

Tha e a-nis gan cumail air a' chroit airson an dìon, tha iad ag ràdh, bho ionnsaighean bho na h-iolairean-mara.

"Tha sinn a-niste gan toirt a-staigh aig àm an sganaidh sa Ghearran a thaobh gu robh sinn a' call leithid a dh'uain leis an iolaire-mhara.

"Tha sinn gan toirt a-staigh agus tha sinn gan cumail a-staigh air na croitean a-nis gu àm na fèille thoireadh bha sinn a' call leithid a dh'uain air a' bheinn," thuirt e.

Air aon làimh 's e buannachd a th' ann na caoraich a bhith aig an taigh, ach air an làimh eile 's dòcha gu bheil call ann.

"Tha e nas fhasa sùil a chumail air na caoraich agus ma tha dad a' dol ceàrr faodaidh tu an cuideachadh ach, aig an aon àm, tha sinn a' call feur.

"Tha an t-uabhas chaorach againn air na croitean agus chan eil na h-uain againn cho math agus a b'àbhaist dhaibh a bhith o chionn 's gu bheil leithid aca a-staigh air na croitean," thuirt Somhairle MacDhòmhnaill.

Fo-thiotal an deilbh,
Tha iolairean-mara ag amas air uain air a' bheinn a rèir chroitearan Uibhist.

A rèir Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) tha na h-iolairean-mara a' sgapadh chun nan àiteachan far an robh iad cheanna.

Tha a' bhuidheann a' moladh do chroitearaan fios a chur thuca mu na trioblaidean aca airson agus gum faigh iad taic tron sgeama stiùiridh aca.

Tha an sgeama sin a' crìochnachadh aig deireadh na bliadhna agus thèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air.

Chaidh a chur air chois airson taic a thoirt do chroitearan a th'air sgrios fhulang ri linn nan iolairean-mara.

Ach, chan eil gu leòr anns an taic a tha sin am beachd Shomhairle MhicDhòmhnaill.

"Chan eil mi a' smaoineachadh gur e fuasgladh a th'ann dhan trioblaid a th'ann.

"Tha e dìreach ga phutadh air falbh beagan agus tha an t-uabhas dhe na h-iolairean ann a-nis.

"An turas mu dheireadh a bha sinn a-muigh air Burrabhal bha naoi iolairean-mara ann an sin," thuirt e.