Luchd-smàlaidh a' faighinn smachd air grunn theintean monaidh sa cheann a tuath

Teine aig tuath gaoithe an Aodainn Bhàin Image copyright Anna Chouler
Image caption Bha an teine a' bagairt air crainn-ghaoithe san Aodann Bhàn san Eilean Sgitheanach.

'S ann am Moireibh, san Eilean Sgitheanach agus ann an Àird nam Murchan as miosa a tha na teintean air a bhith.

Bha teine air a bhith a' gabhail tarsainn air mu dheich acairean de dh'fhearann timcheall air tuath-gaoithe an Aodainn Bhàin san Eilean Sgitheanach, a' sgapadh gu sgìrean coilltearachd.

Bha teine eile ann faisg air an t-Sàilean ann an Àird nam Murchan.

Bha dà chilemeatair gu leth de dh'fhaid anns an teine sin an-raoir, ach tha e nas lugha a-niste.

Image copyright JASPERIMAGE
Image caption Bha an teine a' còmhdach sgìre mhòir ann am Moreibh.

Chuir luchd-smàlaidh smachd air teine a bh' air sgrios a dhèanamh air 60 mìle ceàrnagach de mhòintich agus choilltean ann am Moireibh Diciadain.

Chaidh an gairm a-mach goirid ro 3:00f Diluain nuair a chunnacas lasraichean faisg air Cnoc Phòil, ann an Cnoc Cheannachd, deas air Eilginn.

Ràinig e gu math faisg air tuath-goithe Chnoc Phòil, a tha fo shealbh Fred Olsen Renewables.

Bidh sgiobannan smàlaidh air ais aig an làraich Diardaoin feuch dè an suidheachadh a th' ann.