Teine monaidh mòr san Eilean Sgitheanach air a chur às

  • Air fhoillseachadh
Teine aig tuath gaoithe an Aodainn BhàinTùs an deilbh, Anna Chouler
Fo-thiotal an deilbh,
Bha an teine a' bagairt air crainn-ghaoithe san Aodann Bhàn san Eilean Sgitheanach.

Thuirt ceannard luchd-smàlaidh nach fhaca a-riamh teine monaidh a sgaoileadh cho luath ri teine faisg air tuath-gaoithe an Aodainn Bhàin.

Bha Mike Collier, manadsair stèisean smàlaidh Phort Rìgh, a' bruidhinn an dèidh dhaibh smachd fhaighin air teine a thug buaidh air còig mìle ceàrnagach de choille faisg air an t-Sruthan.

Chaidh an gairm a-mach aig 10:55m Diciadain agus bha iad fad na h-oidhche a' feuchainn ris an teine a mhùthchadh.

Aig àirde, bha 40 luchd-smàlaidh agus 8 carbadan smàlaidh an-sàs san iomairt.

A' bruidhinn Diardaoin thuirt Mgr Collier: "'S e eisimpleir math a tha seo air cho luath agus a dh'fhaodas teintean monaidh sgapadh nuair a tha an talamh tiorram agus tha gaoth ann.

"Chan fhaca mi riamh rud mar seo leis an fhìrinn innse - aig aon am thòisich an teine a' gluasad cho luath ri 40 mìle san uair, agus taobh a-staigh dà mhionaid bha cliathaich beinne na teine.

"'S e cùis dhoirbh a bh'ann ach rinn na criubhaichean againn obair mhath dha-rìreabh fad an là agus fad na h-oidhche airson smachd fhaighinn air an teine.

"Bu mhath leam taing a thoirt do na buidhnean poblach eile agus do mhuinntir Dhùn Bheagain airson an taic a thug iad dhuinn," thuirt e.

Tha Mgr Collier cuideachd an dòchas gun gabh ionnsachadh bhon teine mhòr a tha a' sealltainn an sgrios a dh'fhaodadh iad dèanamh.

"Tha e fìor chudromach gum bi daoine ciallach ma tha iad a-muigh air an dùthaich agus riaghailtean sàbhailteachd Cod a' Bhlàr a-muigh a leantainn," thuirt e.

Tùs an deilbh, JASPERIMAGE
Fo-thiotal an deilbh,
Bha còrr air 50 luchd-smàlaidh a' strì ris an teine a bha a' bagairt air tuath gaoithe Chnoc Phòil ann am Moireibh.

Tha grunn theintean monaidh air buaidh a thoirt air sgìrean eile den cheann a tuath bho chionn ghoirid.

Chuir luchd-smàlaidh smachd air teine a bh' air sgrios a dhèanamh air 60 mìle ceàrnagach de mhòintich agus choilltean ann am Moireibh Diciadain.

Ràinig e gu math faisg air tuath-gaoithe Chnoc Phòil ann an Cnoc Cheannachd, deas air Eilginn.

Bha teine eile ann faisg air an t-Sàilean ann an Àird nam Murchan.

Bha dà chilemeatair gu leth de dh'fhaid anns an teine sin oidhche Chiadain, ach tha e nas lugha a-niste.