Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An Giblean 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Huawei

Tha àimhreit aig Westminster mun dòigh anns an deach fiosrachadh a bu chòir a bhith dìomhair fhoillseachadh bho choinneimh eadar luchd-poileataigs agus oifigich thèarainteachd. Thòisich rannsachadh oifigeil an dèidh aithris anns an Daily Telegraph mu na còmhraidhean mus deach cùmhnant airson lìonra fòn-làimhe Bhreatainn a thoirt dhan chompanaidh Shìonaich Huawei. Tha an Telegraph ag aithris nach tug Theresa May feairt air buill eile air Comhairle na Tèarainteachd Nàiseanta mus tug i an cùmhnant do Huawei.

RBS

Leig àrd-oifigeach Bhanca Rìoghail na h-Alba fhaicinn gum bi e a' fàgail na dreuchd an dèidh còrr is còig bliadhna gu leth anns an obair. Thuirt Ross McEwan gu bheil e a' fàgail RBS gu math nas làidire na bha e nuair a thòisich esan. Tha sealbh fhathast aig an Stàit air pàirt de dh'RBS, ach thill am banca gu prothaid ann an 2017, airson a' chiad uair bho bha èiginn an ionmhais ann.

Bùithnean Mòra

Chaidh stad air aonadh eadar na bùithnean mòra Sainsbury's agus Asda. Thuirt Ùghdarras na Farpais agus na Margaidh gum fàgadh an t-aonta prìsean nas motha, agus taghadh gu math nas miosa agus nas lugha aig luchd-cleachdaidh. Thuit luach earrainnean Sainsbury's mu 5% leis an naidheachd.

Kim Jong-un agus Putin

Tha Ceann-Suidhe na Ruis Vladimir Putin, agus ceannard Choirea a Tuath Kim Jong-un, air coinneachadh airson a' chiad uair. Thuirt Mgr Putin, an dèidh na coinneimh ann am Vladivostok, gun robh deasbad math aca a thaobh leasachadh a thoirt air suidheachadh Choirea.

Extinction Rebellion

Chaidh na h-uimhir de luchd-iomairt an aghaidh atharrachadh na h-aimsire a chur an grèim an dèidh dhaibh an t-slighe gu Margaidh Earrainnean Lunnainn a dhùnadh an-diugh. Gheall a' bhuidheann Extinction Rebellion gur e an-diugh an là mu dheireadh den iomairt aca ann an Lunnainn an-dràsta.

Fiachan Morgaids

'S ann an sgìre phàrlamaid an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair agus Bàideanach a tha na fiachan morgaids as miosa an Alba, a rèir aithisg ùir. Thuirt an carthannas StepChange gu bheil fiachan morgaids air cha mhòr an treas cuid den fheadhainn dha bheil iad a' toirt cuideachaidh san sgìre sin, agus gu bheil anns a' chumantas gach duine còrr is £16,000 air dheireadh le morgaids. 'S e beagan a bharrachd air £4,500 an t-suim, anns an fharsainneachd an Alba. Thuirt ball na sgìre ann am Pàrlamaid na h-Alba, Ceit Fhoirbeis, gur e fìor adhbhar dragh a th' anns na figearan sin.