Ceann-là 'son stailc luchd-iùil nam plèanaichean

Plèana aig Port-adhair Shumburgh Image copyright Hugh Harrop

Bidh luchd-iùil nam plèanaichean aig puirt-adhair na companaidh HIAL a' dol air stailc a mhaireas 24 uairean de thìde air an 23mh den Chèitean.

'S e na puirt-adhair air an toir an iomairt buaidh Steòrnabhagh, Beinn na Faoghla, Inbhir Ùige, Kirkwall, Sumburgh, Inbhir Nis agus Dùn Dè.

Tha an luchd-iùil air a bhith a' diùltadh a bhith ag obair uairean a bharrachd o thoiseach a' Ghiblein mar phàirt den iomairt aca airson tairgse pàighidh nas àirde.

Cho-dhùin iad gun a dhol air stailc air a' mhìos sa chaidh fhad 's a bha còmhraidhean a' dol eadar manaidsearan HIAL agus a' bhuidheann rèiteachaidh, ACAS.

Còmhraidhean

Ach dh'fhaillich air an dà thaobh thighinn gu aonta agus aonadh an luchd-obrach, Prospect, ag ràdh nach d' fhuair iad tairgse ùr bho HIAL agus Riaghaltas na h-Alba.

Thuirt iad Diaordaoin gun tèid am buill air stailc aig seachd làraich ris a bheil HIAL an urra.

Thuirt Dàibhidh Avery bho Phrospect nach robh foighidinn tuilleadh aig an luchd-iùil le HIAL agus gum feum ministearan riaghaltais gnothach a ghabhail ris a' chùis.

Tha ceannardan HIAL ag ràdh gum feum iad cumail ri riaghailtean Riaghaltas na h-Alba a thaobh pàigheadh luchd-obrach na roinne poblaich leis gu bheil iad a' faighinn mòran den mhaoineachadh aca bhon sporan phoblach.

Briseadh-dùil

Diaordaoin thuirt àrd-stiùiriche HIAL, Inglis Lyon, gu robh iad air an tàmailteachadh nach d' fhuaireadh fuasgladh fhathast.

"Tha an t-aonadh fhathast ag iarraidh àrdachadh pàighidh dà-àireimh a tha mòran nas àirde na ceadaicheas poileasaidh pàighidh an riaghaltais.

"A thuilleadh air sin, chan eil an rannsachadh a rinn Prospect maille ri HIAL air na bhios luchd-iùil itealain a' cosnadh aig puirt-adhair eile na dùthcha nach eil fo stiùir HIAL a' cur taic ri tairgse dà-àireimh.

"Tha sinn a' gabhail ris gum bi an stailc a' dol air adhart.

"Bidh sinn ag obair gu dlùth le na companaidhean adhair airson a' bhuaidh air seirbheisean a lùghdachadh ma ghabhas dèanamh," thuirt e.