Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An Cèitean 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Huawei

Tha Sìona a' maoigheadh dìoghaltas as dèidh dhan Cheann-suidhe Trump èiginn nàiseanta a ghairm airson lìonra chompiutairean nan Stàitean Aonaichte a dhìon bho chunnart à dùthchannan eile. Tha e coltach gur ann air a' chompanaidh Shìonach Huawei a tha sin ag amas. Agus tha rabhadh as ùr ann am Breatann mun chunnart bho Huawei agus am ball-pàrlamaid Tòraidheach, Bob Seely, ag ràdh nach bu chòir an leigeil faisg air lìonra 5G na Rìoghachd Aonaichte.

Earrainnean Thomas Cook

Thuit seachd deug sa cheud far luach nan earrainnean ann an Thomas Cook às dèidh call de billean gu leth not air na sia mìosan gu deireadh a' Mhàirt. Thuirt a' chompanaidh shaor-làithean nach eil teagamh sam bith ann nach tug Brexit buaidh air na figearan sin. Tha na h-uimhir de chompanaidhean eile a' coimhead air roinn nam plèanaichean aig Thomas Cook a cheannach.

Theresa May

Tha cudrom a' sior fhàs air Theresa May a dreuchd fhàgail. Tha am Prìomhaire a' coinneachadh ri Comataidh 1922 nan cùl-bheingeirean Tòraidh an-diugh agus iadsan ag iarraidh oirre innse cuin a dh'fhàgas i a dreuchd.

Annders agus Anne Povlsen

Thug am fear-gnothaich Dànach, Anders Povlsen, a chaill triùir chloinne sa cheannairc ann an Sri Lanka aig àm na Càisge, taing do mhuinntir na h-Alba. Ann an litir gu dà phàipear-naidheachd thuirt Mgr Povlsen, dham boin na h-uimhir de dh'oighreachdan mòra an Alba, gun tug e fhèin agus a bhean, Anne, mòran cofhurtachd às an taic a fhuair iad an dèidh bàs Alfred, Agnes agus Alma.

Trioblaidean ionmhais

Thèid plana mu choinneimh Comhairle Earra-Ghàidheil 's Bhòid an-diugh airson dèiligeadh ri trioblaidean airgid Compàirteachais Cùraim na sgìre. Chaidh an compàirteachas, a tha a' ruith nan seirbheisean slàinte agus cùraim sòisealta, còrr agus trì millean not os cionn am buidseit an-uiridh agus tha iad ag amas a-nist air cur às dha na fiachan sin an taobh a-staigh trì bliadhna.

Andy Moireach

Thèid urram mar rìdire a bhuileachadh air Andy Moireach an-diugh, còrr 's dà bhliadha as dèidh innse gu robh e a' faighinn an urraim sin. Chaidh ainmeachadh ann an Liosta Bliadhn' Ùire na Banrìgh ann an 2016 às dèidh Wimbledon a ghlèidheadh an dàrna turas, agus as dèidh an dàrna bonn òir aig na Geamachan Oilimpig.

An A83 dùinte

Tha an A a h-ochd a trì ann an Earra-Ghàidheal dùinte an-dràsda, gach taobh, às dèidh tubaist eadar an Tairbeart agus Ceann na Creige. Dh'iarr polais air dràibhearan an rathad sin a sheachnadh.