Deasbad ga iarraidh air gainnead thaigheadas

Uibhist Image copyright Catherine Morgan/Geograph

Tha comhairliche Uibhisteach a' sireadh taic airson co-labhairt a dheasbad mar a tha gainnead thaighean a' cur bacadh air leasachadh eaconomach san sgìre agus ann am Barraigh.

Tha Iain Eardsaidh MacNèill ag ràdh gu bheil cruaidh-fheum air poileasaidh ùr airson dèanamh cinnteach gum bi àiteachan-fuirich gu leòr ann a chumas daoine san àite agus dhan fheadhainn a thig airson obair.

"Feumaidh taighean a bhith ann airson luchd-obrach, 's feumaidh deagh thaighean a bhith ann," thuirt e.

"Agus cha tig obraichean gum bi àite-fuirich aig daoine.

Teaghlaichean Òga

"Tha sinn a' faicinn gu bheil cuid de chompanaidhean a' gearain nach eil àite-fuirich gu leòr ann airson luchd-obrach, tuathanasan èisg mar eisimpleir.

"Tha sinn an dòchas gun tig obraichean às a' phòrt fànais a tha iad an dòchas a dhèanamh aig tuath.

"Ach tha sinn a' faicinn gu bheil cion thaighean a' cumail ghnothaichean air ais.

"Tha e doirbh do theaghlaichean òga tilleadh chun na h-eileanan, agus dachannan ceart a bhith aca.

"Tha leithid de dh'iarrtas air AirB&B agus dachannan saor-làithean. Tha sin a' cur suas phrìsean, agus tha sin gu math follaiseach as t-Samhradh.

"Sa Gheamhradh, tha taighean ann, ach chan eil sin ach airson sia mìosan ma dh'fhaoidte.

Seann Taighean

"Chòrdadh e rinn fhaicinn gum biodh rudeigin air a chur air bhog airson Uibhist is Bharraigh, a' coimhead air dè an talamh a dheirgeas faighinn, agus sgeama pìleat air choireigin a chur air aghaidh, taighean a thogas daoine iad fhèin, sealbh co-roinnte, na taighean falamh a tha air feadh nan eilean, ma dh'fhaoidte gu bheil iad seachad air rud a dhèanamh leotha, ach tha na seirbheisean a' dol dha na taighean sin uile.

"Tha rathaidean, tha uisge agus cumhachd, so tha fhios againn gu bheil deagh àite ann an sin airson taighean a thogail, 's bhiodh e math rudeigin a chur air ais anns na h-àiteachan a tha sin.

"Tha fhios againn nach e rud a thachras an-diugh no a-màireach a th' ann.

"Ach feumaidh sinn coimhead air na fuasglaidhean luath an-dràsta. Dè ghabhas a dhèanamh an-dràsta, dè na rudan a tha sinn ag obair thuige, agus càite a bheil sinn ag iarraidh a bhith ann an 10 bliadhna 's an an 20 bliadhna? thuirt e.