Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An Cèitean 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha na còmhraidhean thar-phàrtaidh mu Bhrexit air fàiligeadh. Bha na Tòraidhean 's na Làbaraich air a bhith a' bruidhinn ri chèile fad sia seachdainnean, ach tha Jeremy Corbyn a-nis air a ràdh ri Theresa May nach eil adhbhar a dhol nas fhaide. Feuchaidh iad a-nise ri co-aonta a dhèanamh air pròiseas tro am faigheadh a' Phàrlamaid fuasgladh.

Tracey Wylde

Chaidh binn de cho-dhiù 22 bhliadhna sa phrìosan a chur air fear a mhuirt boireannach ann an Glaschu bho chionn còrr air 20 bliadhna. Thachd Zhi Min Chen, a tha 44, Tracey Wylde gu bàs ann am flat ann am Bàrr a' Mhullaich ann an 1997. Bha i 21 's air a bhith ag obair na siùrsaich.

Tubaist-Rathaid

Chaidh triùir a dhroch ghoirteachadh ann an tubaist-rathaid ann an Siorrachd Obar Dheathain eadar dà chàr. Thachair e air a' B9022 faisg air Port Saoidhe feasgar an-dè. Chaidh fireannach agus boireannach, a bha le chèile thairis air 80, a thoirt dhan ospadal, agus boireannach a tha 32.

Maoineachadh Chomhairlean

Tha Riaghaltas na h-Alba a' dol às àicheadh gu bheil iad a' toirt barrachd airgid do chomhairlean am meadhan na dùthcha na tha iad do chomhairlean air na h-iomaill, leithid na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Chuir fear de chomhairlichean Earra-Ghàidheal - Robin MacMhuirich à Ile - às leth an Riaghaltais nach eil ùghdarrasan mar Earra-Ghàidheal a' faighinn a' chuibhrinn air a bheil iad airidh. Ach thuirt neach-labhairt an Riaghaltais gu bheil gach comhairle an Alba a' faighinn an cuid fhèin den airgead a th' ann, ann an dòigh a tha cothromach.

An Gearasdan

Chaidh deugaire balaich a bha a dhìth anns a' Ghearasdan fhaighinn slàn sàbhailte. Cha robhas air Imants Driksna - a tha 13 - fhaicinn bho 7:00f oidhche Chiadain, 's bha na Poilis a' sireadh fiosrachaidh mu dheidhinn an-diugh. Ach thuirt iad an ceartuair gu bheil e ceart gu leòr.

Baile nan Granndach

Thèid Sgìre Ghlèidhteachais Bhaile nan Granndach a leudachadh. Tha i gu bhith nas fharsainge airson togalaicheadh bho linn Bhioctòria agus bho linn Eideird a dhìon, a bharrachd air dìreach cridhe Seòrasach a' bhaile. Seo a' chiad uair a chaidh na crìochan atharrachadh bho stèidhicheadh an Sgìre Ghlèidhteachais bho chionn faisg air 45 bliadhna.