Puirt-adhair dùinte

Plèana

Tha sia puirt-adhair dùinte is luchd-iùil air stailc.

Bidh puirt-adhair Inbhir Nis, Steòrnabhaigh, Bheinn nam Fadhla, Chirceabhail, Sumburgh agus Dùn Dè uile dùinte fad an là Diardaoin.

Bheir seo buaidh air mu 6,000 luchd-siubhail.

Tha luchd-obrach air a dhol a-mach air Puirt-Adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIAL) mu phàigheadh is thòisich iad iomairt-obrach sa Ghiblean.

Tha an t-aonadh Prospect ag iarraidh àrdachadh pàighidh 10% agus iad ag ràdh gu bheil luchd-obrach iùil san roinn phrìobhaidich a' cosnadh mòran a bharrachd air sin.

Thuirt HIAL gum feum iad cumail ri poileasaidh an Riaghaltais air pàigheadh.

Easaonta

Thuirt iad cuideachd nach gabh coimeas a dhèanamh leis an roinn phrìobhaidich leis an eadar-dhealachadh th' ann leis na tha de phlèanaichean san adhair.

Chuir Prospect stailc a bha san amharc air an 26mh den Ghiblean an dàrna taobh gus am biodh tuilleadh chòmhraidhean ann.

Chaidh na còmhraidhean sin ma sgaoil gun aonta is chaidh an stailc seo a chur air dòigh.

Thuirt HIAL nach bi adhartas ann ach ma ghluaiseas Prospect.

"Feumaidh an t-aonadh gluasad air an iarrtas aca 'son àrdachaidh 10%", thuirt àrd-stiùiriche HIAL, Inglis Lyon.

"Ma nì iad sin, tha cothrom againn adhartas a dhèanamh", thuirt e.

Tairgse

Chan eil coltas ann gun tachair sin.

"Tha sinn deònach bruidhinn ri HIAL uair sam bith ma tha molaidhean ciallach aca", thuirt Dàibhidh Avery bho Prospect.

"Chunnaic mi gun tuirt iad gum feum an t-aonadh gluasad air an iarrtas againn. Feumaidh sinn a bhith soilleir, cha d'fhuair sinn ach aon tairgse 'son àrdachaidh 2%.

"Ma tha tairgse nas fheàrr aig HIAL tha sinn deiseil is deònach bruidhinn riutha. 'S e sin a tha a dhìth gus seo a thoirt gu ceann", thuirt e.

Tha puirt-adhair Bharraigh, Ìle, Thiriodh, Inbhir Ùige is Cheann Loch Chille Chiarain fosgailte Diardaoin.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gur e briseadh-dùil a th' anns an stailc is dh'iarr iad air HIAL is Prospect a dhol an sàs ann an còmhraidhean às ùr.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile