Fireannach an greim an co-cheangal ri milleadh air Mosc Eilginn

Mosc Eilginn Image copyright MOSC EILGINN

Dh'innis Poileas Alba gun deach fireannach a chur an greim ann an co-cheangal ri mar a chaidh milleadh a dhèanamh air Mosc Eilginn.

Thachair seo mu 11:00 Oidhche Luain air Sràid a Deas sa bhaile.

Thuirt na poilis gun deach fireannach, 42, a chur an greim.

Tha dùil gun nochd e ann an Cùirt an t-Siorraidh sa bhaile.