Milleadh theine Dùthaich MhicAoidh

Teine Image copyright Paul Turner/RSPB Images

Chaidh dealbhan a tha a' sealltainn an sgrios a rinn teine ann an Dùthaich MhicAoidh na bu thràithe air a' mhìos a sgaoileadh.

Bha luchd-smàlaidh a' strì ris an teine eadar Mealbhaich agus Srathaidh fad cha mhòr sia làithean.

Fhuair iad taic bho luchd-obrach oighreachd is luchd-obrach bhon RSBP.

Chaidh heileacoptairean cuideachd a chleachdadh airson uisge a leigeil air an teine.

Image copyright Kara Simpson/Thurso Fire Station

Sgap an teine gu luath is am fraoch cho tioram às dèidh grunn làithean de thuradh.

Chaidh còrr is 20,000 acair a losgadh uile gu lèir.

Chaill cuideachd 800 duine cumhachd an dealain ri linn an teine, is chaidh rathad an A836 - a tha na phàirt den NC500 - a dhùnadh treis.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile