HIE gus Oighreachd Oraboist a reic

Rathad Oraboist Image copyright John Allan / Geograph

Dh'innis Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean gu bheil iad a' cur Oighreachd Oraboist san Eilean Sgitheanach air a' mhargaidh.

Cheannaich HIE an oighreachd ann an 1997 'son còrr is £500,000 agus iad ag amas air an eaconomaidh ionadail a bhrosnachadh.

Bha na h-uimhir de chonnspaid ann mun chùis às dèidh do HIE am fearann a cheannach ge-tà, is cuid a' fàgail orra am measg eile gur ann gu math mall a bha cùisean a' gluasad air adhart.

Bha deasbad ann cuideachd an e dòigh cheart a bh' ann airgead poblach a chosg.

Tha tuathanas, sia croitean beaga, dà bhùth-obrach agus coille air an oighreachd, air a bheil còig teaghlaichean a' fuireach.

Thuirt HIE gun tèid an oighreachd a reic air dhòigh a chuireas dìon air an fheadhainn a tha a' fuireach 's ag obair oirre.

Am measg nam planaichean, bhiodh cothrom aig an fheadhainn a tha a' fuireach air an oighreachd am fearann is na taighean a cheannach.

Ùidh

Tha HIE cuideachd a' sgrùdadh am biodh ùidh aig a' choimhearsnachd a' choille a ghabhail os làimhe, no am bu chòir a cur air a' mhargaidh fhosgailte.

Dh'innis HIE gur e am plana a bh' aca bho thùs an oighreachd a chur air a' cheann thall ann an làmhan na coimhearsnachd, no feadhainn eile a bhiodh ga stiùireadh chum math na coimhearsnachd.

"Tha sinn air a bhith a' dèanamh ath-sgrùdaidh air suidheachadh Oraboist bho thùs," thuirt Raibeart Muir bho HIE.

"Tha adhartas air a bhith ann, gu h-àraidh a thaobh cothrom a thoirt do dhaoine air talamh àitich is bùithdean-obrach coimearsalta. Tha taighean ùra aig prìs reusanta ann cuideachd is cothrom barrachd a thogail.

"Tha an oighreachd a-nise ann an suidheachadh nas làidire na bha i, is tha sinn den bheachd gu bheil an t-àm a reic," thuirt e.

Dh'innis HIE gu bheil iad a' cumail fios ri muinntir an àite.

Thuirt iad cuideachd gu bheil iad a' bruidhinn ri buidhnean coimhearsnachd is buidheann eile a dh'fhaodadh ùidh nochdadh sa ghnothach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile