Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An Cèitean 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Chan eil Sràid Downing a' toirt feart air feadhainn a tha ag iarraidh air Theresa May a dreuchd fhàgail san spot, agus thuirt an Riaghaltas gun tèid dreach ùr bile a' Phrìomhaire airson Bhrexit fhoillseachadh a-màireach. Tha mòran de na Buill-Phàrlamaid Thòraidheach ag ràdh gu bheil an t-àm ann airson ceannaird ùir, an dèidh dhaibh cùl a chur ris a' phlana as ùire aig a' Bh-Ph. May. Agus tha tuilleadh cuideim air a' Phrìomhaire an dèidh do thè de na h-àrd-mhinistearan aice a dreuchd fhàgail. Thuirt Andrea Leadsom, a tha gu mòr air taobh Bhrexit, nach urrainn dhi fuireach na Ceannard air Taigh nan Cumantan oir nach eil i ag aontachadh ri mòran de na tha sa bhile.

Na Taghaidhean Eòrpach

Tha bhòtadh a' dol air adhart sna taghaidhean airson Pàrlamaid na h-Eòrpa. Thèid sianar bhall a thaghadh do dh'Alba, ceathrar anns a' Chuimrigh, triùir ann an Èirinn a Tuath, agus 60 ann an Sasainn. Tha na h-ionadan bhòtaidh a' dùnadh aig 10:00f a-nochd, agus bidh oidhche na Sàbaid ann mus tig co-dhùnadh na bhòta.

Tèarainteachd Cyber

Dh'iarr Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Jeremy Hunt, air NATO barrachd a dhèanamh mu chunnart bho ionnsaighean cyber Ruiseannach. Bha Mgr Hunt a' bruidhinn aig co-labhairt ann an Lunnainn an-diugh, far a bheil dùthchannan aig a bheil ballrachd ann an NATO a' deasbad tèarainteachd agus chunnartan air-loidhne. Thuirt e gu bheil Mosgo ag amas air cron a dhèanamh air bun-structar ann an dùthchannan eile.

Stailc Luchd-Iùil

Tha sia de phuirt-adhair na h-Alba dùinte an-diugh, agus luchd-obrach na seirbheis iùil a tha mì-thoilichte le am pàigheadh air stailc. Tha na puirt-adhair ann an Inbhir Nis, Dùn Dè, Beinn nam Fadhla, Steòrnabhagh, Sumburgh agus Circeabhall dùinte.

Oighreachd Oraboist

Tha Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' cur oighreachd Oraboist anns an Eilean Sgitheanach air a' mhargaidh. Cheannaich HIE an oighreachd ann an 1997 air còrr is £500,000 's iad ag ràdh gun robh iad ag amas air an eaconomaidh ionadail a bhrosnachadh. Tha tuathanas, sia lotaichean beaga, dà bhùth-obrach agus coille air an oighreachd, air a bheil còig teaghlaichean a' fuireach. Thuirt HIE gun tèid an oighreachd a reic air dhòigh a chuireas dìon air an fheadhainn a tha a' fuireach agus ag obair oirre.