Mèirle an Càrbost

Poileas Alba

Tha Poileas Alba a' sireadh fiosrachaidh às dèidh mar a chaidh mèirle a dhèanamh aig bùth ann an Càrbost san Eilean Sgitheanach.

Chaidh briseadh a-steach dhan bhùthaidh uaireigin eadar 5:30f Dimàirt an 21mh den Chèitean is 09:20m Diciadain an 22na den Chèitean.

Rinneadh droch mhilleadh air a' bhùthaidh is chaidh còrr is £1,000 a ghoid.

Ainneamh

Tha na Poilis air rannsachadh a thòiseachadh.

"'S ann glè ainneamh a tha an leithid seo a' tachairt ann an sgìre mar seo is tha sinne ag obair 'son faighinn a-mach cò rinn e," thuirt DC Joe Newson bho Phoileas Alba.

"Bu mhath leinn cluinntinn bho dhuine sam bith a chunnaic dad amharasach san sgìre tron t-seachdain," thuirt e.

Bu chòir fios a chur air Poileas Alba air 101 is àireamh NP1508/19 a thoirt seachad, no fònadh gu Crimestoppers air 0800 555 111.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile