Cruth Lìog na Gàidhealtachd ga dheasbad

Cove Image copyright SNS
Image caption Thug Cove pronnadh 7-0 air Berwick thairis air dà gheama gus àite a bhuannachadh san SPFL.

Coinnichidh Lìog na Gàidhealtachd an ath-sheachdain gus cruth na lìge a dheasbad is Cove Rangers air a dhol suas gu Lìog na h-Alba.

Às dèidh dhaibh Lìog na Gàidhealtachd a bhuannachadh is a' chùis a dhèanamh air Cille Bhrìghde an Ear is Berwick Rangers ann an geamaichean play-off, cluichidh Cove ann an Lìog 2 den SPFL an ath-sheusan.

'S e seo an ath-cheum air turas Chove, a thòisich mar chluba amateurach ann an Obar Dheathain 's bha treiseag bheag aig ìre junior mus d' fhuair iad ballrachd ann an Lìog na Gàidhealtachd ann an 1986.

Tha adhartas Chove cuideachd a' fàgail ceist aig Lìog na Gàidhealtachd is 17 sgiobaidhean a-nise san fharpais.

Thèid an t-slighe air adhart a dheasbad aig AGM na lìge Diluain.

Dh'fhaodadh an lìog a dhol air adhart le 17 sgiobaidhean, is gu dearbha chan e annas a th' ann ann an eachdraidh Lìog na Gàidhealtachd àireamh chòrr (odd) de sgiobaidhean a bhith ann.

Òigridh

Dh'fhaodadh iad cuideachd cothrom a thoirt do chluba ùr tighinn a-steach.

Chuir an lìog fios air Banks o' Dee, sgioba junior a dh'fheuch ron seo ri àite fhaighinn ann an Lìog na Gàidhealtachd, ach tha an cluba à Obar Dheathain air leigeil fhaicinn nach eil iad airson gluasad.

Tha Caley Thistle cuideachd air innse gum biodh ùidh acasan sgioba òigridh a chur a-steach a Lìog na Gàidhealtachd.

Chan e rud gu tur ùr a bhiodh seo nas motha, oir chuir Obar Dheathain sgioba 'A' dhan lìog grunn thursan tràth san 20mh Linn.

Tha e coltach ge-tà, gu bheil sgaradh am measg chlubaichean na lìge air moladh ICT.

Chan eil coltas ann gu bheil clubaichean eile le ùidh a dhol dhan lìog, no gu dearbha na goireasan a bhiodh a dhìth airson leithid de cheum a ghabhail.

Bidh AGM Lìog na Gàidhealtachd ann an Inbhir Losaidh Diluain.