Port an Eilein air ath-bheòthachadh

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Agallamh le Mairead NicEacharna bho Urras Fhionn Lagain.

Thèid dachaigh Tighearnas nan Eilean fhaicinn a-rithist an Ìle is Port an Eilein mar a bha e san 15mh linn air a dhealbh às ùr an cruth digiteach.

'S e co-bhanntachd eadar Oilthigh Chill Rìmhinn is Urras Fhionn Lagain a tha sa phròiseict.

Image copyright Oilthigh Chill Rìmhinn

Chaidh an obair a chruthachadh as dèidh rannsachaidh a rinn àrc-eòlaichean fo stiùir an Oll. Dàibhidh Caldwell, a bha roimhe stèidhichte aig Taigh Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba.

Tha e a' sealltainn Eilean Mòr is Eilean na Comhairle.

Image copyright Oilthigh Chill Rìmhinn

Tha Urras Fhionn Lagain ag ràdh gu bheil iad an dòchas gun tig daoine dhan ionad aca an Ìle 'son coimhead air a' phròiseict.

Tha iad an dùil gum bi app ri fhaighinn an ceartuair cuideachd.

Image copyright Oilthigh Chill Rìmhinn

Gheibhear barrachd fiosrachaidh bho Urras Fhionn Lagain.