Misneachd mu ionmhas na Comhairle

Seirbheisean

Tha ceannardan Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil iad misneachail mu shuidheachadh an airgid, ged a tha stòras na comhairle aig an ìre as ìsle a-riamh.

Dhearbh an t-ùghdarras ionadail gu bheil iad £2m thairis air buidseat am-bliadhna.

Thuirt iad ge-tà, gun robh coltas ann bho thùs gum biodh toll de £5m ann aig deireadh na bliadhna ionmhais.

Dh'innis iad gun deach aca air a' bheàrn a lùghdachadh le ceumanan mar bhith a' cur às do dhreuchdan a bha bàn, is a' toirt airgead à stòras na buidhne.

Thuirt ceannard a' bhuidseit gu bheil iad sàsaichte leis a' ghnothach.

"Nas fheàrr"

"Tha mi toilichte a ràdh gu bheil cùisean a' coimhead nas fheàrr dhuinn", thuirt an Comh. Alasdair MacFhionghain.

"Tha fiosam gun robh gnothaichean doirbh do luchd-obrach is tha sinn a' toirt taing dhaibh. Tha sinne ann an suidheachadh nas làidire a-nise a' dol a-steach dhan bhliadhna ionmhais ùir", thuirt e.

Ged a tha an t-suim a th' aig Comhairle na Gàidhealtachd air a chur mu seach aig ìre cho ìosail 's a bha e a-riamh, thuirt an Comh. MacFhionghain nach bu chòir iomagain a bhith ann.

"Tha sinne ag obair air sin. An-uiridh bha againn ri beagan air £50m a thoirt às an stòras ach tha plana againn a' dol air adhart gum bi sinn a' cur ris an stòras.

"Tha plana againne £2m a chur san stòras am-bliadhna", thuirt e.

Chaidh an Comh. MacFhionghain às àicheadh gu làidir beachd gum faodadh a' Chomhairle a dhol banca-briste.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile