Ceist mu bhanaichean-campachaidh an Earra-Ghàidheal

Carbad

Dh'fhaodadh gun tèid riaghailtean pàircidh an Earra-Ghàidheal a theannachadh is dragh ann mu bhanaichean-campachaidh an àiteachan mì-iomchaidh.

Tha gearanan air a bhith ann mu chuid de na carabadan a bhith air am fàgail am pàircean-chàraichean an sgìre an Òbain tron oidhche.

Thuirt Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gu bheil turasachd air leth cudromach dhan sgìre is gu bheil iad a' cur fàilte air luchd-tadhail.

Dh'innis iad ge-tà, gu bheil goireasan ann do bhanaichean-campachaidh is nach bu chòir dhaibh a bhith air am fàgail am pàircean-chàraichean tron oidhche.

Riaghailtean

Thuirt iad gum bi iad a' cumail sùil air a' chùis.

Dh'innis an Comhairliche Ruairidh MacCuthais, a tha os cionn poileasaidh rathaidean na Comhairle, gum beachdaidh iad air riaghailtean pàircidh a theannachadh.

"'S dòcha gu bheil feum air na riaghailtean a mhìneachadh nas fheàrr do luchd-tadhail", thuirt an Comh. MacCuthais.

"Mura h-eil sin soirbheachail, 's dòcha gu bheil feum air oifigich pàircidh a chur air sioft nas anmoich air an oidhche, is cìsean a chur an sàs às dèidh 6f, rud nach eil againn an-dràsta.

"Feumaidh mi a bhith soilleir, tha fàilte mhòr air luchd-tadhail ach feumaidh iad urram a shealltainn dhan àite", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile