Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An Cèitean 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Theresa May

Leig Theresa May fhaicinn an-diugh gum fàg i a dreuchd mar cheannard air a' Phàrtaidh Thòraidheach an ceann cola-deug, air an t-seachdamh là den ath-mhìos. Tòisichidh an fharpais airson ceannard ùr an t-seachdain an dèidh sin. Thuirt a' Bh. Ph. May ag òraid aig Sràid Dhowning gum bi i a' caoidh gu siorraidh gun do dh'fhàillich oirre Brexit a thoirt gu buil. Leanaidh i oirre mar Phrìomhaire gus an tèid ceannard ùr a thaghadh.

Imreachd

Tha na figearan as ùire airson imreachd, eadar na tha a' tighinn a dh'fhuireach san Rìoghachd Aonaichte agus na tha a' falbh, a' seasamh aig 258,000 - gu math nas motha na na 'deichean mhìltean' air a bheil an Riaghaltas ag amas. Tha na figearan airson na bliadhna an-uiridh a' sealltainn in-imreachas à duthchannan an Aonaidh Eòrpaich aig an ìre as lugha bho 2013.

Julian Assange

Chuir na Stàitean Aonaichte seachd casaidean deug ùra an aghaidh stèidhiche Wikileaks, Julian Assange. Bha e fo chasaid ron seo gun do rinn hacaigeadh coimpiutair ach tha casaidean ùra na aghaidh gun do dh'fhoillsich e fiosrachadh a bha dìomhair. Tha suas ri deich bliadhna sa phrìosan mu choinneimh gach casaid. Tha Mgr Assange sa phrìosan ann an Lunnainn an-dràsta an dèidh dha na riaghailtean, fo an robh e saor air urras, a bhriseadh.

Harvey Weinstein

Tha na meadhanan anns na Stàitean Aonaichte ag ràdh gu bheil an stiùiriche fiolm, Harvey Weinstein, air tighinn gu aonta ris na h-uimhir de na boireannaich a tha a' fàgail air gun tug e ionnsaighean drabasta orra. Chuir luchd-lagh luach na h-aonta sin aig còrr 's $40m. Chaidh Mgr Weinstein às àicheadh bho thoiseach gun do rinn e dìmeas dhrabasta air boireannaich.

Baileat

Tha aonadh luchd-obrach na rèile, an RMT, ag ullachadh baileat airson stailc am measg luchd-obrach air trèanaichean ùra Caledonian Sleeper. Thòisich trèanaichean ùra bho chionn ghoirid air seirbheis na h-oidhche eadar Alba agus Lunnain agus tha luchd-obrach a' gearain gu bheil iad air an claoidh agus uallach na h-obrach cus dhaibh.

Bochdainn

Tha buidheann rannsachaiadh ag ràdh gum bi 50,000 leanabh a bharrachd ann am bochdainn ann an Alba ro 2024 mura gluais Rioghaltas na h-Alba. Dh'iarr a' bhuidheann IPPR Scotland air an Riaghaltas cabhag a chur air sochair ùr teaghlaich ris a bheil dùil a dh'aithghearr. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun cur iad a-mach aithisg air an ath-mhìos mu adhartas leis an t-sochair ùr sin.