"Cha robh dol às againn"

Uàrd ospadail

Thuirt àrd-dhotair a bha am measg na thog dragh mu bhurraidheachd aig NHS na Gàidhealtachd nach eil na gearanan sin idir rin coireachadh airson duilgheadasan a' bhùird luchd-obrach a thàladh.

Thuirt an Dr Lorien Cameron-Ross cuideachd nach robh dol às aig na h-àrd dhotairean ach na gearanan aca a thogail.

Bha i am measg cheathrar a nochd dragh an-uiridh gun robh burraidheachd a' dol aig NHS na Gàidhealtachd.

Air a' cheann thall, chaidh Iain Sturrock QC a chur os cionn rannsachaidh neo-eisimeilich mun chùis.

Dh'innis na ceudan dhan rannsachadh gun robh iad air "eagal, maoidheadh agus dol a-mach mì-iomchaidh" fhulang san àite-obrach.

Ach tha cuid air ceist a thogail a bheil seo a' cur ri trioblaidean a th' aig Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd dreuchdan a tha bàn a lìonadh.

Buaidh

Thuirt an Dr Cameron-Ross nach eil sin idir ceart.

"Tha trioblaidean le luchd-obrach a thàladh is a chumail aig NHS na Gàidhealtachd a' dol air ais bliadhnaichean mòra", thuirt an Dr Cameron-Ross.

"Chan e rud ùr a tha seo a th' air èirigh air sgàth rannsachaidh Sturrock", thuirt i.

Dh'innis an Dr Cameron-Ross aig an aon àm gun do bheachdaich na dotairean a thog casaidean de bhurraidheachd mun bhuaidh a bheireadh e air NHS na Gàidhealtachd.

"Bha sinn mothachail gum faodadh e cron air a' bhuidhinn againn fhìn.

"Bha sinn den bheachd ge-tà, nach robh dol às againn ach na casaidean a thoirt dhan fhollais", thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo