Luchd-obrach rèile a' beachdachadh air stailc

Trèana aig stèisean Inbhir Nis Image copyright Andrew Abott / Geograph
Image caption Trèana aig stèisean Inbhir Nis

Tha aonadh luchd-obrach na rèile, an RMT, ag ullachadh baileat airson stailc am measg luchd-obrach nan trèanaichean oidhche eadar Alba is Lunnainn.

Thòisich trèanichean ùra air an t-seirbheis aig Serco bho chionn ghoirid.

Tha iad an-dràsta a' dol eadar meadhan na h-Alba is Lunnainn, is dùil gun tèid an leudachadh gu ruige na Gàidhealtachd as t-Samhradh.

Tha luchd-obrach a' gearain gu bheil iad air an sàrachadh agus gu bheil iad fo uallach na h-obrach air an sàilleibh.

Dragh

"Tha dragh mòr oirnn mu na h-aithrisean a tha sinn air fhaighinn bho riochdairean a' buntainn ris mar a tha stoc ùr air tòiseachadh san t-seirbheis mu dheas", thuirt àrd-rùnaire an RMT, Mick Cash.

"Bu chòir dhan seo a bhith na deagh naidheachd airson gnìomhachas na rèile agus an luchd-obrach, ach 's fada bhon fhìrinn e.

"Chan eil e a' cuideachadh nach eil gu lèor luchd-obrach ann, trèanadh gu lèor ga thabhainn, agus nach eil luchd-stiùiridh ag èisteachd.

"Tha sinn air innse do Serco mu dheidhinn dì-mhisneachd is uallach an luchd-obrach.

Iongadh

"'S e droch shuidheachadh a th' ann ach chan eil freagairt Serco air a bhith freagarrach, agus tha seo air adhbhrachadh mar a tha an dàimh eadar an dà thaobh air bristeadh.

"Mar sin, tha sinn a-nis ag ullachadh baileat airson stailc," thuirt e.

Thuirt Serco gu bheil an naidheachd mu bhaileat na bristeadh-dùil is na h-iongnadh dhaibh.