Tubaist mhairbhteach an Earra-Ghàidheal

Poileas Alba

Chaidh fear air motar-baidhseagal a mharbhadh nuair a bhuail e fhèin agus làraidh na cheile Diardaoin an Earra-Ghàidheal.

Thachair an tubaist air an A85 faisg air drochaid Achadh na Cloiche , mu shia mìle an ear air an Òban, mu 6.30f Diardaoin.

Bha an rathad dùinte airson uairean a thìde fhad 's a bha na poilis a' rannsachadh.

Cha deach an duine ainmeachadh.