Climate
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Iomairtean na gnàth-shìde

25 An Cèitean 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bha na miltean de sgoilearan a' togail fianais air feadh Alba an-diugh 's iad ag iarraidh air riaghaltasan barrachd a dhèanamh gus dèiligeadh ri atharrachadh na gnàth-shìde.

Chaidh tachartasan a chumail ann am bailtean air feadh na dùthcha is gu h-eadar-nàiseanta cuideachd, a' leantainn air bho iomairt a thòisich an sgoilear Suaineach Greta Thunberg.

Bha am fear-naidheachd poileataigeach againn, Darren Linc, an làthair aig an iomairt ann an Glaschu.