Rùnaire na Slàinte san Eilean Sgitheanach

Sanas luchd-iomairt
Image caption Rinneadh strì mhòr airson ospadal Phort Rìgh a ghlèidheadh.

Bidh Jeane Freeman a' faicinn an do rinneadh adhartas ann an seirbheisean slàinte an Eilein Sgitheanach agus Loch Aillse air thuras dhan sgìre Diluain.

Tha bliadhna ann bho dh'fhoillsich Sir Lewis Ritchie sreath mholaidhean ann an aithisg neo-eisimileach air cùram agus slàinte san sgìre.

Cho-dhùin e gu feumadh ospadal Phort Rìgh a chumail fosgailte agus gum bu chòir seirbheis cùraim èiginneach là agus oidhche a bhith ri fhaotainn.

Coinnichidh am ministear ri luchd-iomairt a rinn strì airson seirbheisean agus leapannan a ghlèidheadh aig ospadal Phort Rìgh Diluain.

Image caption Rinn buill-phàrlamaid càineadh air an dòigh san d'fhuair NHS na Gàidhealtachd beachd an t-sluaigh.

Strì mhòr

Tha NHS na Gàidhealtachd a' togail ospadail san Ath Leathann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich ach bha dragh sa cheann a tuath mun bhuaidh a bhiodh aig an sin air seirbheisean ospadail Phort Rìgh, prìomh bhaile an eilein.

Chàin comataidh ath-chuingean na Pàrlamaid Albannaich co-chomhairleachadh poblach an ùghdarrais slàinte agus dh'òrdaich Riaghaltas na h-Alba ath-sgrùdadh air seirbheisean na sgìre.

'S e mhol Sir Lewis Ritchie gum bu chòir cothrom air seirbheis èiginn a bhith aig daoine fad 24 uairean de thìde aig ospadal Phort Rìgh.

Diluain coinnichidh Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, ris an fheadhainn a rinn iomairt airson an t-ospadal a ghlèidheadh cho math ri luchd-obrach na seirbheis slàinte.

Thuirt i gu bheil i airson faighinn a-mach dè an t-adhartas a th'air a bhith ann a thaobh a bhith a' coileanadh mholaidhean aithisg Ritchie.

Adhartas

B'i ball-pàrlamaid na sgìre ann am Pàrlamaid na h-Alba, Ceit Fhoirbeis, a thug cuireadh dhan a' Bhean-phòsta Freeman a dhol dhan eilean.

Thuirt i gun deach adhartas a dhèanamh a thaobh a bhith a' fasdadh barrachd luchd-obrach ann am Port Rìgh ach bha molaidhean eile ann nach robh cho furasda a choileanadh.

"Chan eil an aon adhartas air a bhith ann a' cruthachadh "centre for excellence" ann am Port Rìgh airson seirbheisean slàinte agus chan urrainn dhuinn sin a chur air dòigh ann am bliadhna, tha sinn feumach air barrachd ùine.

"'S e deagh thoiseach tòiseachaidh a th'air a bhith ann agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil barrachd misneachd aig a' choimhearsnachd air sgàth agus gu bheil adhartas air a bhith ann, " thuirt Ms Fhoirbeis.