An SNP am bàrr sna taghaidhean Eòrpach air a' Ghàidhealtachd

a' bhòtadh Image copyright Getty Images

Bha an SNP air thoiseach sna taghaidhean Eòrpach air a' Ghàidhealtachd, Earra-Ghàidheal agus Moireibh.

Fhuair iad bhòtaichean a bharrachd an taca ris an taghadh Eòrpach mu dheireadh sna trì sgìrean ùghdarrasan ionadail sin.

Ann an Earra-Ghàidheal agus Bòd agus cuideachd ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd bhuannaich iad 37% den bhòt; ann am Moireibh bha an àireamh beagan nas ìsle aig 34%.

Anns na trì sgìrean sin 's e am pàrtaidh Bhrexit ùr a bha san dàrna àite ach pìos math air dheireadh air an SNP.

Air a' Ghàidhealtachd agus ann an Earra-Ghàidheal agus Bòd chuir 18% den luchd-bhòtaidh an taic riutha; ann am Moireibh fhuair iad 22% dhen bhòt.

San treas àite bha na Libearalaich Dheamocratach agus na Tòraidhean air an cùlaibh.

B'iad na h-Uainich a chrìochnaich sa chòigeamh àite sna trì sgìrean comhairle.

B'e oidhche thruagh dhan Phàrtaidh Làbarach a bh'ann agus iad a' crìochnachadh san t-siathamh àite.

Bidh fios againn mar a bhòt sluagh nan Eilean Siar feasgar Dhiluain.