Iarrtas 'son inbhe "eilein" do Ghallaibh

Mapa de Ghallaibh
Image caption Tha gearan ann gu bheil Gallaibh ga fhagail air dheireadh.

Tha cuid ann an Gallaibh ag iarraidh an aon taic riaghaltais 's a gheibh na h-eileanan agus dragh orra mu ghearraidhean sheirbheisean agus crìonadh sluaigh.

A-rèir àireamhan ùra faodaidh lùghdachadh 20% tighinn air na tha de dhaoine a tha a' fuireach ann an Gallaibh thairis air an ath 20 bliadhna.

Bha an sgìre uair aithnichte airson iasgach an sgadain, clachaireachd agus an gnìomhachas niùclasach - obair a bha a' cumail cosnaidh ri mòran.

A-nis tha rabhadh ann gu bheil an siorrachd a' sìor dhol sìos agus gum feumar obair mhòr airson piseach a thoirt air an eaconamaidh agus daoine a chumail ann.

Thuirt an comhairliche Mata Rees: "Bhiodh e math nam fosgladh VisitScotland ionad an seo a-rithist ged nach eil cus coltais ann gun tachair sin.

"Chan eil sinn airson 's gun cur iad an cùl rinn, agus tha grunn rudan ann nach cosgadh an t-uabhas de dh'airgead, nam measg an t-ionad fiosrachaidh aig VisitScotland.

"Tha e gu math bunaiteach, coltach ri na bancaichean agus na h-oifisean puist agus seirbheisean eile a' falbh. Tha mi a' tuigsinn na h-argamaid eaconamaich ach ann an sgìrean iomallach tha sinn feumach air rud a bharrachd.

"Ma choimheadas tu ris na h-eileanan, tha dìon aca fon lagh a bheir dhaibh barrachd taic-airgid agus, nam bheachd, bu chòir dèileagadh ri Gallaibh mar eilean.

"Tha sinn còrr air 100 mìle air falbh bho Inbhir Nis, agus 's e dùbhlan mòr a tha sin."

Image caption Tha rabhadh ann gun tuit àireamh an t-sluaigh ann an Gallaibh gu mòr san ath 20 bliadhna.

"Seirbheis nas fheàrr sna h-Innseachan"

Tha aon bhoireannach mar-thà air an sgìre fhàgail.

Thàinig air Pranjlei Christian, 30, a tha na tidsear ceimigeachd, a dhol ann an cabhaig gu ospadal ann an Inbhir Nis ann an cùl càr caraid nuair a bha a' chiad leanabh aice.

"Bha dùil agam gum biodh an leanabh agam ann an Inbhir Ùige. Fiù's anns na h-Innseachan, an dùthaich às a bheil sinn, tha e gu math furasta cùram màthaireil fhaighinn taobh a-staigh leth uair de thìde bhon dachaigh agad.

"Chuir e iognadh mòr orm nuair a chaidh innse dhomh gum biodh an leanabh air a bhreith ann an Inbhir Nis.

"Bha sin na dhuilgheadas dhuinn leis nach eil comas dràibhidh aig duine againn," thuirt i.

Image caption Tha luchd-iomairt ag ràdh gum bu chòir barrachd a dhèanamh airson daoine a tharraing a Ghallaibh.

Sanasachd a dhìth

Tha aon tè san sgìre air seirbheis fiosrachaidh do luchd-turais a stèidheachadh sa bhùth aice ann an Inbhir Theòrsa.

Tha Laura Freeman ag ràdh nach eil i a' tuigsinn carson nach eil duine a' dèanamh barrachd a thaobh a bhith sanasachd na sgìre.

"Tha an t-uabhas de rudan tarraingeach an seo mar na dùin agus na th'air fhàgail de sheann bhailtean - fear aca nas motha, tha'd ag ràdh, na Skara Brae - nach deach a leasachadh.

"Le slighe NW500 chan eil soidhnichean ann agus gabhaidh sin dèanamh sa bhad. Tha gu leòr ann a dh'fhaodadh a bhith air a dhèanamh an seo agus cha thuig mi carson nach eil duine ga dhèanamh," thuirt i.